Skip to main content

‹‹‹ prev (63)

(65) next ›››

(64)
60
ORAN DO DHEALBH 'BHA AIR A DROCH
THARRUING.
A ho ro gu n togainn fonn,
Air an dealbh a 's gairbhe com ;
S ged nach 'eil do chasan crom,
Gur fada lom 's na troidhean thu.
Tha boineid bhallach 's mullach gorm,
Air a' cheann 's dòmhail' calg ;
'S ged chuir iad ort an còta dearg,
Cha 'n f haic mi airm no lamhan ort.
A ho ro, &c. &c.
Cha *n 'eil cluasan air do cheann,
'S cha 'n 'eil anail ann ad chora ;
'S tha do shròn gu fada crom,
'S do pheirceall lom gun fhionnadh air.
A ho ro, &c.
Cha 'n 'eil fiacail ann ad dheud,
Cha 'n 'eil teanga ann ad bheul ;
'S ged tha sùil ad cheann, cha leir
Dhuit solus rè, no latha leatha.
A ho ro, &c.
Ged tha deirge ann ad ghruaidh,
Tha t-amhach lom gun dìon o 'n f huachd;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence