Skip to main content

‹‹‹ prev (57)

(59) next ›››

(58)
54
'N uair bha 'm peilear troimh na còmhla ;
'S ged bhiodh am fiadh ri cùl sin,
'S e mo dhùil gu'm biodh e leònta.
IV.
O ! 's iomad damh 'us agh, 'us maoisleach,
'Us ròn maol, a rinn thu mhilleadh,
Dh' fhàg thu air an taobh gun èirigh,
'Us an creuchdan bras a' sileadh ;
'S iomadh coileach dubh, 'us liath-chearc,
Chuir thu l)bàrr nan sgiath am mionaid ;
'S tric bha geàrr nan casa caol' leat,
Air a taobh an clais an imir.
A' cheud fhear thug 'n tìis thar sàil thu,
'S ann aig fhèin bha 'n t-sàr ulaidh ;
An lèig rìomhach, phrìseil, àghmhor,
As nach gabhainn sgàth no cunnart,
Dhol thoirt deannal air mo nàmhaid,
Ann am blàraibh nan àr fuileach ;
Cha d' rinneadh 's an Spàinn no 'm Flannras,
Aon cho làidir riut mu 'n mhuineal.
VI.
Giùlanar an luaidh ghlas leat,
Mìle 's cairteal gu bhi cinnteach ;
'S bithidh do chuimse mar leud ròinnein,
Ma bhitheas fear do sheòlaidh dìleas.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence