Skip to main content

‹‹‹ prev (54)

(56) next ›››

(55)
51
III.
Ach, Mhic-an-Fhleisdeir, o 'n tha thu gaisgeil,
Na dìbir ceartas o an bheart bu nòs duit ;
Faigh do thrapan, o 'n tha iad pailt dhuit,
'S a ghaoil, bi tapaidh gu'n cur an òrdugh ;
Suidhich ceart Jad, gach taobh de 'n charcais,
Le taod 'us bacan, feadh stachd 'us mòintioh ;
'S ma nì thu an glacadh, bithidh beannachd pailt
dhuit,
O luchd-an-astair^ a bhios stapadh an ròid so.
IV.
An cian 's bu bheò e, b'e an sealladh brònach,
Ri taobh an ròid, 'us gach neach a' faighneachd,
Cò leis an damhan, cha 'n 'eil e fallain,
Tha mòran galair a steach 'n a aorabh ;
Chaidh 'chlaoidh a's t-earrach le fuachd 's le h-
ainnis :
Cha d' fhuair e am bainne 'n uair bu laogh e ;
*S 'n àm 'm bu chòir dhoibh a bhi 'g a bhiadhadh,
'S ann chaidh a phianadh 's gu'n d' luidh a' chaoUo^ '^^
air.
V.
'S ann chaidh a phianadh, 's gu'n d' luidh a' chaoile
Air a' charcais aognaidh, gun ghaoisd, gun ròin-
neach,
Gun gheire m'a àirnean, gun sraior 'n a chnàmhan,
A dheud air beàrnadh, 's a chnàirah gun f heòil air ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence