Skip to main content

‹‹‹ prev (52)

(54) next ›››

(53)
49
Ceòl mar shìth-bhruth o d' mheòir fhìnealt,
Lùth'or, dhìonach, bhras-bhuilleach,
Air sionnsar lìomhta, suainte, mìn-dhubh,
'S cuairt de 'n ìbhridh shnaidhte air.
XVI.
Ceòl tiamhaidh, cianail, gun bhi trom,
O fheadan lom nan cnap-bhuillean ;
Muineal crom mar eal' air tonn,
O 'n tig am fonn-cheòl blas-mhilis;
Torman foirmeil mar cheòl orgaìn,
O dhuis cheann-gheal', bhreac-bhallach,
Gu bachlach, dualacb, f àinneach, cuachach,
'S fàbhar uaine am fasdadh riu.
XVII.
Aig Naomh-Faolain, Mao'ail, 's Struithlath,
Pìob-a'-ghìU gu'n chosnadh leat ;
'IjG d' mheòir lìithmhor cluicheadh chrunluath,
Siubhail 's ùrlair shocrach ;
Fior chebl Mhic Cruimein, 'bha 'n Dun-bheagain,
Teachd o d' f headan tartarach ;
'S na 'm biodh tu air ceann armailt,
Gu 'n dearbhta buaidh ghaisge leò.
XVIII.
Chaidh binn-cheol tlàth a ghionmhuinn tràth,
Ad phòraibh àigh, a bhrosnuich thu ;
'S ghlac thu ann ad làimh an stiiiir,
'Us lean thu an t-iùl, 'bha fortanach ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence