Skip to main content

‹‹‹ prev (29)

(31) next ›››

(30)
26
III.
'N uair chàirinn air mo cheann i,
Bu daigne na crann-teann i ;
'S i cruaidh mar innean ceardaich,
'Us steàrn' aig cloich-mheallain rithe.
'S bha, &c.
IV.
Tha ' dreach air fiamh na h-oidhche,
'S i cruaidh mar adharc-gaibhre ;
'S cùis-eagail i do thaibhsean,
'N uair bhoillsgeadh a' ghealach oirre.
'S bha, &c.
V.
'S i tuilleadh 'us fuar 's a' gheamhradh,
Agus tuilleadh 'us teth 's an t-sàmhradh ;
'S 'n uair thigeadh braghadh an tàirneanaich,
Tharruingeadh i an dealanach,
'S bha, &c.
VI.
'S gur cruaidhe i na 'n t-iarrunn,
S gur teotha i na 'ghrìosach,
'S gun ròistinn uibhean ghiadh,^
Ann a cliabhan na *n teannainn ris.
'S bha, &c.
VII.
'N uair thig a' ghaoth le sgiab' oirr',
Bithidh ise dol 's an iarmailt
1 Gheàdh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence