Skip to main content

‹‹‹ prev (25)

(27) next ›››

(26)
22
Ceòl àbhaiseach, èibhidh,
Teachd o phìoban a clèibhe gun mheang
Le suanach mhìn-thlath, mar chanach,
'S i air ghilead mar ghaillinn nam beann.
VIII.
Chi mi peucagan àluinn,
Mu 'n cuairt air na gàraidhean-phlijir,
'S gu bheil an sgeadachadh le àillteachd,
Na's sgiamhaich' na bàn-righinn a' chrìiin ;
An trusgan òr-mhaiseach, boillsgeil,
Uaine, fiamh-ghorm, soiUs'-dhearg, dlìith,
Le 'n stiùirean daoimeanach, ball-bhreac',
Craobh-sgaoileadh mar dhealbh air an drùchd.
IX.
Bithidh na lachai' gu cuannar,
Air na feur-lochain uain' a' snàmh ;
'Us pàirt dhiubh 's an luachair,
Gabhail fasgaidh taobh bhruachan nan allt ;
'S bithidh na tàrmachain bhreaca,
Air na stùchdan fo stachdan nam beann,
Seirmeadh an crònan le taitneas,
'S b'e mo shòlas bhì dearc' os an cionn.
X.
Bithidh am bradan slios-shleamhuinn, it'-bhuidh',
'A snàmh anns an uisge 's b'e 'mhiann ;
"S mar lìiirich-mhàillich tha a lannan,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence