Skip to main content

‹‹‹ prev (117)

(119) next ›››

(118)
102 AIR COMH-CHOIHUNN EIS A' MHAC lOSA CRIOSD.
leudar fios 'f haotainn a thaobli Dhè," — is e sin, rann 20, " a
chumhachd siorruidh agus a Dhiadhachd ;" agus rann 21,
" b'aithne dhoibh Dia :" agus so uile tre oibribh a' chruthach-
aidh. Ach gidheadh tha cuid eile de bhuadhaibh Dhe nach
comasach a bhi air am foillseachadh no air an deanamh aith-
nichte anns an tomhas a's lugha le oibribh a' chruthachaidh ; —
mar a tha foighidin agus fad-fh idangus De. Oir do bhrìgh gu'n
d'rinneadh na h-uile iii gu ro mhaith, cha robh àite r'a fhaot-
ainn air son cleachdaidh no foillseachaidh nam buadhan so.
Cha dean aitreabh mùr iian nèamh ngus na talmhainn uile, air
a bheachdachadh ann fein, mar a tliàinig e mach o làmhaibh
Dhe, am foiUseachadh a's lugha a thoirt air na buadhaibh sin ;
ged a tha iad 'nam buadhaibh ro inbheach 'na nàdur, mar a tha
e fein a' cur an cèiU, Ecsod. xxxiv. 6, 7.
Uime sin tha an Tighearn a' dol cèim ni's fhaide, agus a'
foillseachadh nam buadhan sin mar an ceudna, ann an oibribh
an. fhreasdail, ann an cumail suas agus ann an riaghladh an
t-saoghail sin a chruthaich e. Oir air dha an talamh a
mhallachadh, agus air uairibh na dùil a lìonadh le comharaidh-
ibh eagalach a dhiomaidh agus a chorruich, dh' fhoillsich e
'fhearg o nèamh, mar a tha an t-abstol a' labhairt, Eom. i. 18,
" au aghaidh gach uile mhi-dhiadhaidheachd agus eucoir
dhaoine ;" gidheadh, do bhrigh nach do bhris e mach ann an
lèir-sgrios obann 'na aghaidh, thug e taisbeanadh ann an sin
de'n fhad-fhulangas agus de'n fhoighidin a tha 'na nàdur.
Tha an t-abstol ag ainmeachadh an ni ceudna auns na Gnìomh.
xiv. 16, 17 : " Neach anns na linnibh a chaidh seachad, a dh'
f huiling do na h-uile Chinnicli inieachd 'nan slighibh fein ;
gidheadh, cha d' f hag se e fein gun fhianuis, a' deanamh maith.
agus. a' toirt dhuinn uisge o iièamli, agus aimsirean tarbhach, ;;
lìonadh ar cridheachan le biadh agus le subhachas." Tha an
Salniadair mar an ceudna a' deanamh fianuis air maitheas agus
gliocas De anns an ni so, air feadh Salm civ. gu leir. Air a'
lahodh so rinn e fianuis air a mhaitheas agus air 'fhoighidin
fein ; mar a tha air a chur 'an cèill, " Dh' fhuiling e le mùr
fhad-fhulangas soithichean na feirge air an ullachadh chum
.''grios," Eom. ix. 22. Ach an dèigh so uile, tha an saoghal gu
leir fathast anns an dorch ; cha-n' eil aca fathast de sholus air
Dia ach mar chamhanaich dhoilleir na ma'dne, gun uiread as
cìdaobh Dhe 'fhaicinn. Cha-n fhaca Maoi.s fein sin, gus au '
robh e air a chur ann aji sgoltadh na creige ; agus b'i a' charraig
sin Criosd. Tha cuid de na buadhaibh a's glòrmhuire agus a's

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence