Skip to main content

‹‹‹ prev (45)

(47) next ›››

(46)
30 AIR COMH-CHOBIUNN RIS AN ATHAIR.
bithoadh aige-san àrd-cheannas anns na h-uile nithibh, Col. i.
18 ; oir b'e a dheadh thoil-san " gu'n còmhnuicheadh gach uile
iomlanachd annsan," rann 19; chum "asa lànachd-san gu'm
faighearaaid-ne uile, agus gràs airson gràis," Eoin i. 16. Ged
a tha eiridh agus stèidh gràidh deadh-ghean agus riiin an Athar
a mhain 'na shaor-ghràs agus 'na thoil fèin, gidheadh a
thaobh leantuinn a mach rùin a ghràidh, tha so a mhain
ann an Criosd. Tha uile thoraidhean a ghràidh air an
deanamh thairis air tùs dha-san ; agus ann-san a mhain tha iad
air am frithealadh a mach dhuinne. Mar sin, ged a dh' fheudas
na naoimh a bhi'faicinn, seadh, ged a tha iad a' faicinn cuain
neo-chriochnaich gràidh dhoibh ann an uchd an Athar, gidheadh
cha-n'eil suil gu bhi aca ri aon bhoinne teachd d'an ionnsuidh
ach na tha teachd tre Chriosd. Is esan a mhain aon mheadhon
a' chompairteachaidh. Tha gràdh anns an Athair mar a tha a'
vihil cmns d IMàili; — feumar a cur anns a chìr mu'n deothail
sinn i. Feumaidh Criosd a mhil so a tharriung a mach agus a
h-ullachadh air ar son. Tha esan a' tarruing an uisge so o'n
tobar tre aonadh a phearsa agus frithealadh a lànachd ; — tha
sinne 'ga tharruing tre chreidimh o thobraichibh na slàinte sin a
tha chòmhnuidh annsan. Bha so air a thoirt fainear ann an
cuid a clieana.
Ànns an dara aìte, — Tha uile thoraidhean ar gràidh-ne
annsan agus tridsan mar an ceudna. Agus is maith dhuinn gu
bheil e mar sin. Ciod na h-ìobairtean bacach agus dall a
bheireamaid do Dhia air sheòl eile ? Tha esan a' giùlan
aingidheachd ar tabhartasan, agus a' measgadh tùis maille r' ar
n-ùrnuighibh. Tha ar gràdh a' socrachadh air an Athair ; ach
tha e air a ghiìilan d' a ionnsuidh tre Mhac a ghràidh. Is e am Mac
aon slighe ar gràsan a dh' ionnsuidh Dhè, amhuil is e aon slighe
ar pearsaclian ; trid-san tha ar n-uile mhiann, ar tlachd, ar toil-
inntinn, agus ar n-ùmhlaclid gu lèir, a' faotainn a steach an
làthair an Athar. Mu'n labhair sinn an dèigh so.
Anns an dà ni so, ma seadh, tha cosmhuileachd èigin eadar
comh-ghràdh sin an Athar agus nan naomh anns am bheil comh-
chomum aca.
(2.) Tha iomadh ni anns ara bheil iad ag eadar-dhealachadh: —
An ceud ni, — Tha gràdh Dhè 'na ghràdh tahhartach : tha ar
gràdh-ne 'na gràdh dleasannach.
Anns a' cheud, aite, — Tha gràdh Dhe 'na ghràdh tahhartach,
— 'a ghràdh a tha dòrtadh sios ; 'na ghràdh a tha 'ga ghiùlan a
mach ann an gniomharaibh tarbhach agus mòra air ar son. Tha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence