Skip to main content

‹‹‹ prev (33)

(35) next ›››

(34)
32 SPIORAD NA H-AOISE.
gach sanas, agus a nis tha iad a' caoidh gu
truagh.
" Cha d' rinn thu tàir air coibhneas agus
aoigheachd nam bochd, ghabh thu ann an
càirdeas na thairgeadh gu fialaidh ; cha do
nàraich thu an t-ainnis — leis a so naisg thu
an dilseachd. Sheas thu do ghealladh — lean
thu an sprèidh — choisinn thu do dhuais —
dh' earb mi do mhisneach. Cha do mheat-
aich duilgheadas thusa ; chuir thu do ghuala
riutha, 's chaidh leat. Dh' fhiosraich thu
nach robh madadh na maoile-mòire, fitheach
dubh an fhàsaich, no dòbhran donn an
iasgaich, gun am feum. Cha d' thug thu
gèill ; agus a nis, a Chaomhain, mhic Ghorla-
nan-treud, èisd rium.
" ' Aisig,' ars' thusa, ' dhomh mo phiuthar
àillidh agus bràithrean mo ghaoil tha agad fo
dhruidheachd.' — Fo dhruidheachd, a Chaom-
hain ! Ciod è druidheachd ? Innleachd
charach nan cealgach — leisgeul baoth nan
gealtach. Ciod è druidheachd ì Bòcan nan
amadan — culaidh-uamhais nan lag-chridheach
— ni nach robh, nach 'eil, 's nach bì. An
aghaidh an dleasannaiche 's an fhìrein, cha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence