Skip to main content

‹‹‹ prev (24)

(26) next ›››

(25)
i7
41. Nuair a dhireadh tu Chùpaid,
'S a thuiteadh frasan de 'n driudid ort,
B'aobhach flathail do ghnùis ann,
Bu bhlàth sealladh do shìxl ann ;
Bhiodh do bhriathran ag ìirach'
Nan anam leòint' agus brùite
Tha ag osnaich gu tùrsach
Fo eallach peacaidh 'n droch ghrùid sin
A tha fathast cho ciùrrtach us searbh dhoibh.
42. An t-anam bochd a bhiodh claoidhte,
lar a leònadh 'na inntinn,
Ri sior acain us caoirean,
Us e gun fhuras, gun sith^ig',
Labhradh tusa gu mìn ris
Air na tròcairibh cinnteach
A chaidh a thasgadh an losa
Do dhaoinibh ainniseach diblidh,
An sin ghrad-aisigteadh sith dha us sòlas.
43. Is ro mhaith thuig thu gach galar
A tha buailteach do'n anam,
'S ann agad fein a bha'n aithne,
Ciamar chàireadh tu 'n leigheas ;
'Si 'n ioc-shlaint ghràsmhar chaidh dheasacu'
Le L^igh Ghileiid Beannaicht',
A' Chungaidh bhuan bha thu cleachd;idh
Anns gach leòn sgus deireas,
Ann an eucail 's an teasaich an anma.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence