Skip to main content

‹‹‹ prev (102)

(104) next ›››

(103)
'Nuair a thàinig e as a colainn,
'Ga shuanadh ann anartan ban,
Ar Slànair thàinig gu ar fuasgladh ;
Cha d'iarr Mac Righ na h-uaisle
Cusan, no cluasag, na leubaidh,
Ach gu'n a thuit dha mhàthair
Cur 'n a " nihangair" e 'na chadal.
Cha d' iarrBanrigh na h-ùmhlachd
Uir acli 'na ùrnais 'na seòniar,
Cha mho dh' iarr i mnathan-glùn,
Ach Righ nan dùil a bhi g'a cònihnadh,
'Shoillsich rionnag 'san adhar,
Rinn e rathad do na tri I'ighean,
Thàinig iad 'na ionsuidh
Le gaoil, gràdh, 's le faoilte firinn.
Chruinneadh na buachaillean bochd
'Ghabhail fradharc oirre 'san tini sin,
A' eur nàisneachd 'san la^ 's an làidir,
'S gu bhi cho dan air an Righ sin ;
'Nuair ghlac Herod 'an àrdan
Air an Slànair thighinn gu talamh,
Cha d' fhàg e mac a bh' aig màthair
Gun a chur gu 'bhàs le 'an-iochd.
Thairg iad e suas anns an teampull
Mar bhitheadh gnàth le chloinn Israel,
Bha e air 'aithnichinn gu'ni b'e ar Slànair
Le Ana agus naonih Shinieon ;
Rinn iad t' àrach, agus t' altruni,
'N àite athair agus niàthair,
Theich iad leat do'n Eiphit
Bho Herod 'bh' air do thòir.
'N am 'bhi tilleadh dhachaidh
'S a bhi caitheamh na slighe
'Nuair a sheall iad mu'n cuairt daibh
Tra dh'ionndraich bhuap' am Messiah,
'S iad a bha brònach duilich
Tra nach b' fhurasda dhaibh 'fhaotainn,
Miad 's a rinn iad 'ga thuireadh
Cha robh an gnothacli ach faoin leo.
Ach am dhol deiseal an teampull
Chualas coin gu beathail
Measg nan doctairean teagasg,
'8 bu deas a thigeadh a labhairt ;
Sin tra thubhairt a mhàthair,
" Ciaraar a thàineadh dhuit tighinn ?
'S tursach a rinn thu ar fàgail
Na tri latha 'bha sinn 'g ad shireadh."
A mhàthair, na biodh oirbh mulad
Ged a dh' fhuirich mi 'san teampull ;
Seirbhis m' athar anns na flaitheas,
'S fheudar feitheamh anns gach am dhi,
'S ioma fuachd agus acras
Siubhal is seachran tiamhaidh
A tha agamsa ri fhulang fhathast
Mu'n teid mo ghnothach gu finid.
Theid fhathasd mo bhaisteadh,
'S fulangaidh mi traisg anns an fhàsach,
Fulangaidh g'am naimhdean 'gam bhualadh
Ann am buaireadh 's am pàisan ;
Fulangaidh mi breth agus binn
'S mo dhiteadh le fianuis bhreige,
Seallaidh mi gu h-umhal iosal
Ged a phian iad mi 'san eucoir.
Rinn e anns a' ghàradh ùrnaigh
'Chuir gu dlùth air fallus fala,
Dh' fhuilig e rithisd a sgiùrsadh
'S an crùn a chur air gu daingean,
Chuir iad e bho Philate gu Herod.
Ag innseadh gach sgeul mar a b'àill leo,
'S tra nach d' fhuair iad mar bu mhath leo,
Chuir iad deise do dh' anart ban air.
Thilg iad smngaid 'na aodann,
'S bhuail iad e anns gach taobh le'n dornaibh,
'S ghiùlain e an Crois air a ghuaillean
Suas gu cnoc Chalvary ;
Dh' fhuilig e sleagh chuir 'na thaobh
Tàirnean 'na làimh 's 'na chasan,
'S ghlac e an cup 's an robh an t-shearbhag
Beagan mu'n d' fhàg an anail e.
Thug e mathanas dha naimhdean
'S liubhair e do'n Ard-Righ 'anam.
Thug iad sin bhar a Crois e
'S liubhair a chorp g'a mhàthair ;
Chaidh a nigheadh 's a chàradh
Mar bu ghpàth le 'thireadh ;
Tha dòruinn bàis air dol seachad
Dith do bheatha, a Mhoire Mhaighdean.
There are other versions of the same hymn.
The version given in the Rev. Allan MacDonald's
collection, " Laoidhean Spioradail," consists of
foui'teen stanzas.
The following fragments are from another poem
of Sills, after losing her husband and daughter,
A' cheud disathuirne a bha dhiubh
Chuir mi Ann anns an uir,
'N a dhisathuirne 'na dhèigh
Thug mi liubhairt do Mhac Dhe
'Us m' fhear-an-taighe bhuani.
Thug mi liubhart ga mo ghaoil
Measg nan aingeal 's nan naomh
Far an gabhadh iad caomh riut
Ann am flaitheanas.
'S trie a shuidhe thu aig mo cheann
G' am faicinns' leth bheò,
Thu nach cunntadh stòras a
Chlòthadh rium, etc.
KEPPOCH SONGS.
" Moladh do Fhear na Ceapaich 's do'n phiob,"
by Iain MacAilein, is a song of 64 lines, the first
stanza of which is —
'Ghillcasbuig, mo bheannachd ri m' bheò
Dh'fhear aithris do ghniomh,
Bhrigh OS ceann na chual thu de cheòl.
Thug uhu'n t-urram do'n phiob ;
Cha chuala luchd-teud sgainneil do bheoil,
'S tu 'bu ro-mhath g'an diol ;
Ach gu'm b' fheàrr leat ealaidh a bhrosnachadh
slòigh
Na sochair gach sith.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence