Skip to main content

‹‹‹ prev (17)

(19) next ›››

(18)
10
'S aig àm na bliadhna thigh'nn mu'n cuairt
Bhiodh Missionaries ann bho Thuath,
Le sgeul na slàinte trìd au Uain —
Gun luachbhiodh fion a'sbainne dhuinn.
Ach 's math do'n f headhainn thainig trà,
Oir mar is luaithe 's ann is fearr ;
'S bho'n tha mi ann an tùs mo làith'
Gur dàna dhomh bhi 'talach aù-.
Bidh cùrara, dragh againn a's call,
An so, no'n sud am bi sinn ann ;
'S e sud a ghealladh dhuiun ro làimh
Amhgharan 's bhi carraideach.
Tha mise mar a tha gu leòu-,
Tha rud agam 's tha rud orm ;
'S na fiachan a bhi beag no mòr
Bidh eagal mòid gach làth' oirnn.
Oir 's deimhin leam gur so mar tha
Ged bheir iad creideas agus dàil,
Mar bi iad toihcht' leinn 's mar pàigh
Cha leig iad dàil 's an t-sumanadh.
Tha sumanaidh a' dol gu dlùth,
A's àireamh mhòr 'g an toirt gu cùirt ;
Ach mar is motha tha dol diubh
"^ha lugha tha do chreideas aun.
òred theid cuid air oidhirp chaillt'
Do sheòladairean bhios air fairg',
Gidheadh cha chum sud iad gun fhalbh —
So samhladh dhuibh do'n aiteam ud.
Tha mòran dol do'n fhearann iir,
Mar tha'n tràsa ann am rùn-s',
'S gheibh sinn fearann, tigh a's ceird
Aig Saivgeens uo Sidenham,
Thuirt cuid rium nach measain cearr
Gu'n d' thoir e 'm chuimhne Loch-na-dàl'—
Ri Porfc-na-h-aibhne 's mu'n Tigh-bhàn
Gu'n samhlaich sinn an acar&aid.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence