Skip to main content

‹‹‹ prev (191)

(193) next ›››

(192)
176
misneach ao 'r cridhe, agiis altrumaidh e dòchas an
taobh a stigh dliinn a ghiùlaineas sinn an taobh
thall do'n uaigh. Bithidh e 'na lòchran do 'r cos-
aibh agus 'na sholus-iùil do 'r ceumannaibh; soill-
sicliidli e an dorchadas tha 'cuairteachadh ghlinn
sgàile a' bhàis, agus ath-bheothaichidh e ar spiorad
le dòchas na beatha maireamiaich, 'nuair a tha am
bàs a' teachd 'nar dàil, agus a' cr'iochnachadli ar
beatha san t-saoghal so. O, matà, gu'n deanadJi
sean agus òg focal an Tighearna 'na riagliailt-stiùr-
aidli dhoibh, — gum bitheadh iad a' beachd-smuain-
eachadh air an còmhnuidh, — gu'n tàirngeadli iad
sòlas uaith ann an là an trioblaid, agus gum biodh
an dòchas ri sonas sìorruidh air a shuidlieachadli air
na gealiaidhnibli priseil agus tròcaireach tha e a*
cumail a mach dhoibh.
Na sochairean Spioradail a tha na Gàidheil a nis a'
sealbhachadh.
Cha'n'eil e comasach do neach aig am bheil gràdh
d'a dhùthaich smuaineachadli air an atharrachadh
bheannaichte a thàinig air Gàidhealtachd, agus air
Eileanaibh na h-Alba, leis a' chothrom a tha nis air a.:
bhuileachadh orra, clium fòghlum feumail f haotainn,
gun a chridlie bhi air a' lionadh le sòlas. Is fada
gu dearbh o shearmonaicheadh Soisgeul Chriosd san
dùthaich sin. 'S ann am mach à aon do eileanaibh
na Gàidhealtachd a chraobh-sgaoileadh Soisgeul
C hriosd air feadhBhreatunn agus iomad cearn eile do'n
Roinn-Eòrpa. Sheas na Cùildich, luchd-leanmhuinn
Chahim-ChiUe, a sgaoil o lona a mach air feadli na
tire, gu duineil fad ioma linn an aghaidh dealas Pàp
na Ròimhe ; ach bhuadhaicheadh faidheòidh 'nau ^
aghaidli. Dh' f liògradh na Cùildich as an dùthaich ; ,
agus sgaoil aineolas gu luath a mach air feadh na ■

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence