Skip to main content

‹‹‹ prev (170)

(172) next ›››

(171)
155
'Nuair thàrlas i ann an cluain,
Cha chuimlinich i ruaig no cath,
Mar luing gun seòl mi ann an cuan,
Doinionn mhòr ri 'bòrd a' stri :
Fhir a dh'fhuasglas air gach càs,
Glac an stiùir, a's sàbhail mi.
Reitich, a ShlAnuighir nam buadh,
Cala sàimh do m' anam sgith ;
O 's tusa 'cheannaich mi o'n bhàs,
A Thriath nan gràs, sàbhail mi!
Innseanach America.
Dh' e'irich fear do Innseanaich America gu
moch aon là a dhol a shealg. " Tha mise," a deir e
r'a mhnaoi, " a' dol do'n choille a shealg ; 'nuair a
mliarbhas mi fiadh, thig mi dhachaidh a' d' ionn-
suidh-sa 'nuair theid a' ghrian fodha air cùl na
beiime." Ràinig e 'choille, agus r^ ùine mhòr cha
do thachair fiadh air ; ach mn dheireadh chunnaic
e damli-feidli, chuir c 'ghunna r'a shùil, loisg e air,
agus thuit an damh ; ach cha robh e ach air a leòn-
adh ; dh'eirich e agus thàr e as. Lean an t-Inns-
eanach e, a' cumail seallaidh air ; ach cha robh e
'na chomas teachd am fad urchair dha. Mar so
lean e air a thòir, gus an d'fhàg e 'choiUe, agus
thug ' e car-mu-thom dha, agus chaill e fradharc air.
Bha'n t-Innseanach 'ga lorgachadh mar a b'fhèarr a
dh' fheudadh e ; ach dh 'fhartluich air cur ris,
Chaidh e o chnoc gu cnoc, agus o bhearradh gu
bearradh ; ach cha b'urradh dha 'f haotainn. 'Nuair
bha e gu h-airsneulach sgìth, rinn e suidhe, agus le
h-aimheal smuaintich e air a mhi-shealbh. 'Nuair
a leòn e'm fiadh, shaoil e gum bu chùis da fein e ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence