Skip to main content

‹‹‹ prev (163)

(165) next ›››

(164)
148
ean, ioma mile muir bheag, agiis lochan bjidheacli
ag iathadh gu sòimh sàmhach 'nam measg. Chunn-
aic mi sluagh air an tideadh ann an earradh ghlòr-
mhoir, le bldth-f hleasgaibh air an cinn, ag imeachd
feadh nan craobh, a' luidhe sios ri taobh nan tobar,
a' gabhail fois air an leapaichibh thitha ; agus
chuala mi co-sheirm aig eùin cheòlmhor, torman
nan allt, guth dhaoine, agus inneil-chiùil. Dh'
fhàs mi ait le sealladli co taitneach fhaicinn.
Mhiaimaich mi sgiathan iolaire blii agam, chum
gu'n rachainn air iteig do na h-ionadaibh taitneach
sin ; ach dh' innis e dhomh nach robh dòigh gu ■
niigheachd far an robh iad ach tre dhorsa a' bhàis,
a chunnaic mi gach mionaid a' fosgladli air an
drochaid. '' Tha na h-eileanan," a deir e, "a tha
co ùrar ghorm fa d' chomhair, agus leis am bheil
aghaidh a' chuain air a bhreacadh co fad 's a chi
thu, ni 's lionmhoire na gaineamh na fairge; tha
iomadai eilean air chùl na tha thus' a' faicinn, agiis
a' ruigheachd gu mòr ni 's faide na 's urrainn do
shùil fhaiciiui, no eadhon do t' inntinn a smuain-
eachadh. 'S iad sin fiath-innsean nan naomh an deigh
am bàis, a tha a reir tomhas am maitheis air an
roinn air feadh nan eilean sin, anns am bheil gach
aon diubh a' sealbhachadh sòlais a tha 'co-fhreag-
radh d'an cdil agus do'n tomhas flioirfeachd air an
d'ràinig iad. Tha h-uile eilean 'na fhlaitheanas
air a dheasachadh fa chomhairan luchd-àiteachaidh
a th' air an socrachadh ann. Agus a nis, O ! Mhirsa,
nach airidh na h-ionadan-còmhnuidh sin spàirn a
dheanamh chum an cosnadli ? Am bheil a' bheatha
sin tàireil a tha toirt cothrom gu ruigheachd air
luigheachd co àrd ? Am bheil am biis sin 'na chul-
aidh-eagail a ghiùlaineas tu gu beatha co sona?
Na smuaintich gu'n do chruthaicheadh an duine an
diomhain, aig am bheil siorruidheachd mar so 'na
bheachd. Dhlù-bheachdaich mi le h-anabharra
tlachd air na h-eileanaibh sona sin." — "Faidheòidh,"

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence