Skip to main content

‹‹‹ prev (149)

(151) next ›››

(150)
132
malairt r'a che'ile. Leis a' chuan tha sinn a' dol
ni's faide na b' urrainn do'n eun a's làidire sgiath
dol air iteig. Tha sinn a' faighinn eòlais air na h-
Innseanaich a tha 'gan crion-losgadh fo dhian-theas
na greine, agus air na Laplannaich a tha 'gam
meileachadh le fuachd, gun a h-aogas àghmhor fhaic-
inn leth na bliadhna. 'S ann trid a' chuain a tha
malairt a' dol air aghaidh eadar rloghachdan, leis
am bheil bathar na daradùthcha 'teachd do'n dùth-
aich eile. Mar so tha sinu air ar n-eideadh san t-
samhradh le sioda agus rìomhadh na h-àirde deas ;
agus air ar clùmhachadh gu blàth sa' gheamhradh
le bianaibh molach na h-àirde tuath. Mar so tha
saoibhreas nan Innsean a' ruigheachd ar dùthcha,
agus tha ar loingeas a' seòladh le'r bathar do dhùth-
channaibh agus eileanaibh cein ; agus slighe mar so
air a fosgladh gu Soisgeul ar Slànuighir a chraobh-
sgaoileadh air feadh gach rioghachd agus anns gach
cànain. Ann an aon fhocal, 's eu-comasach gacli
sochair ainmeacliadh a tha 'g e'iridh o'n chuan
mhòr so. Nan tòisicheamaid ri iomradh thoirt air
na tha do theaclid-an-tlr dhaoine a' teachd as, agus
an t-anabharra sluaigh a tha faotainn cosnaidh air
'uachdar, cha b'fhios duinn c'àite 'n stadamaid.
An Cuan ùmhal do Dhia.
O ! Tliusa a chruthaich an cuan,
'S a luaisgeas a thonna tròm ;
'S tu chaisgeas an onfhadh a ris
'S a ni iad ciùin mar am fomi.
Mar so anns an doimhne mliòir
Chitear do ghlòir, a Dhe' ;
Luchd-siubhail a' chuain cia baoth,
Mur toir iad dhuit aoradh 's ge'ill !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence