Skip to main content

‹‹‹ prev (146)

(148) next ›››

(147)
129
againii ri sochairibli ro-chomharaichte sin an Spior-
aid Naoimh, a neartaicli na ceud Chriosduidliean
gu ùrnuigh a dheanamh ann an cainnt air an robh
iad aineolach, no a sheòl doibh gach focal a ghnàth-
aicheadh iad. Ach tha 'n Spiorad Naomh a' buil-
eachadh nan gràsan sin, eadhon gràdh, eagal, dòchas,
agus gdirdeaclias a bhuineas do 'n dleasnas so, a'
brosnuchadh tograidh naomha a dhùisgeas naomli-
dhòchas, agus a dh' oibricheas mianna naomh ann-
ainn : tha iad, tha dearbh-cliinnt againn, gu minic
ag aomadh ar n-inntinn chum ùrnuigh a chur suas,
agus a' deanamh còmhnadh leinn ann an ùrnuigh,
a' toirt duinn barailean soilleir, deas-labhairt, agus
dànachd iriosal : agus tha 'n còmhnadh so glan-shaor
o, agus fada os ceann, a' chòmhnaidh choitchionn
sin a tlia freasdal De' a' buileachadh air daoinibh
am bithoantas, chum gu'n coi'lion iad gniomliarra
eagsamhuil na beatha so.
Nach sòlasach an ni gu bheil gealladli soilleir
againn gu 'n toir ar n-Athair nòamhaidh a Spiorad
Naomh dhoibhsan a dh' iarras air e! Cha 'n ion
duibh uime sin, eagal a bhi oirbh, ge b'e air bith
co neo-sh Linndacli, mharbhanta, no f hionnar 'sa tha
bhur cridhe, gu cur mu thimchioll an dleasnais so.
larraibh, agus feudaidh sibh làn-fhiuthair a bhi
agaibh gum faigh sibh na h-uiread chòmhnaidh
o'n Spiorad a chuidicheas sibh, 's a bheir air 'ur n-
aghaidh sibh 'nur n-uile airc. Bithibh, uime sin,
cùramach ann an leughadh bhur Biobuill, aim an
teachd chum Chriosd, agus ann an askichadh gu
dùrachdach tiodhlac a Spioraid. Ma b' iiill leibh
saoibhireachd do chumhachd so an Spioraid fhaot-
ainn, caithibh 'ur beatha ann an taic r'ur Slìinuigh-
ear aig am blieil e r'a phàirteachadh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence