Skip to main content

‹‹‹ prev (141)

(143) next ›››

(142)
124
Cha'n e guth binn, ach giiidhe treiin ;
Cha te'ud ach cridhe ceart ;
Cha ghlaodh ach gràdh, ni fuaim gu geur,
'An cluasaibh Dhe' nam feart.
Tha dùrachd ann an ùrnuigh, mar bha 'n teine do'n
iobairt loisgte san tùiseir òir, a' toirt air e'iridh gu
nèamh, agus boltrach ro-chùbhraidh a thoirt seach-
ad. Is cudthromach na nithe a tha sinn ag iarraidh
ah' Dia ann an ùrnuigh ; mur buannaich sinn iad
tha sinn caillte gu siorruidh. Cha'n'eil e comasach
dhuinn, ma smuainicheas sinn air so, a bhi fuar no
saobh-chràbhach. "' Nuair tha sibh a' dol a dhean-
amh ùrnuigh," a deir Baxter diadhaidh, ^' cuiribh
m'a timchioll mar gu'm faiceadh sibh Dia 'na ghlòir,
nèamh, agus ifrinn ; spioradan nan ionracan agus
nan aingidh, agus losa Criosd a' tagradh bhur cùis
air deas-làimh an Athar."
Aon uair eile, bithibh seasmhach foighidneach
ann an ùrnuigh, fo dheagli dhòchas, gu'n tig beann-
achd Dhe' oirbh mar chi e fe'in iomchuidh chum
bhur leas a chur air aghaidli. Cuimhnichibh a
bhan-Sirophenisianach : ge nach d'thug Criosd feairt
air a ceud athchuinge, ged a fhuair i ìnnseadh dh'i
nach robh e ceadaichte aran na cloinne thoirt do na
madraidh ; gidheadh cha do chaill i a misneach,
ach lean i air guidheadh ni bu dùrachdaiche, gus
an d'thubhairt Criosd rithe, " O ! bhean, is mòr do
chreidimh ; bitheadh e dhuit mar is àill leat 1" Na
smuainich gu bheil Dia a' diùltadh t'ùrnuigh
eisdeachd, 'nuair nach 'eil thu mothachail air a
freagradh. 'Sann mar so a tha esan a' dearbhadh a
mhuinntir fe'in, 'gan deanamh ni's dùrachdaiche na
bha iad riamh, le'n tilleadh air an ais a ris chum
an glùin. Cuir romhad nach dealaich thu ris gus
am beannaich e thu, ag ràdh maille ri Daibhidh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence