Skip to main content

‹‹‹ prev (125)

(127) next ›››

(126)
108
Mu Mhionnan mi-naomha.
Do gach droch cleachdadh d'am bheil mumntir
shean agus òg buailteach, is iad mionnan mi-naomha
an t-aon a's ain-diadhaidh agus a's dalma — an
t-aon a's masluiche • agiis a's tàireala — an t-aon
a's lugha tuigse agus a's kigha dh' fheudar d'a
leisgeul a ghabhail. Gidheadh, mo thruaighe!
c'àit an te'id sinn nach cluinn sinn a' chainnt
ghràineil sgreataidh sin. Nach tric a chluinn-
eas sinn, cha'n e amhàin clann òg amaideach,
ach muinntir a ta air teachd gu aois, a cliuir Dia
os ceann theaghlaichibh, a tha fo ainm agus fo
aidmheil Chrìosduidhean, a' luadh 'nan cainnt
ghnàthaichte, ainm urramach an De' a's iiirde, gun
suim gun umhail ; a' leigeadh gu fianuis an ainm
ghlòrmhoir sin na nithe a's faoine ; 'ga mli'i-naomh-
achadh fo'n bhrosnuchadh a's lugha ; a' guidheadh
mhallachdan air an cinn fein agus dliaoin' eile,
ann an cainnt nach feud gun sgreamh a chur air
neach air bith aig a' bheil am meas a's lugha air
mòralachd agus meas an Ti a chruthaich e.
Is furasda olc agus cunnart a' pheacaidh so f haic-
inn. Tlia e a' taisbeanadh naimhdeas an aghaidh
Dhe : feudar barail a thoirt air staid a' chridhe
leis a' chainnt a thig o'n bheul. Mar tlia'n tobar,
's amliuil a bhios na sruthain a thig uaithe. " Tha
an inntinn fheòlralior," ars' an t-abstol, " 'na naimli-
deas an aghaidh Dhe' /' ach cha'n'eil aon pheacadh
a' nochdadh an naimhdeis so ni's mò na a' cheart
aon mu'm bheil sinn a' labhairt. Tha luchd nam
mionn air e'iridh, mar gu'm b' ann, ann an ceann-
airc an aghaidh Righ nan righre. Leis a' chleachd-
adh so tha iad a' cur a mhàralaclid, a chumhachd,
agus 'ùghdarras gu'n dùlan. Fo'n t-seann Tiomn-
adh agus fo'n Tiomnadh-nuadh, tha Dia ann am
briathraibh Liidir a' toirmeasg a' pheacaidh so.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence