Skip to main content

‹‹‹ prev (117)

(119) next ›››

(118)
100
a' chuid eile do 'n chinne-dhaoine, trid an robh
comas aige na bha 'na bhcaclid a thoirt gu chch.
Co luath 's a dh'eirich a' ghrian, bha gach geòla
mach, agus an sgiobadh annta fo'n armaibh; dh'
iomair iad air falbh a dh' ionnsuidh an eilein le 'm
brataichibh riomhach, leceàl curanta buadhar, agus
leis gach mòralachd cogaidh eile a b' urraiiui doibh
a nocJidadh. 'Nuair a dhlùthaich iad air an
f hearann, mhothaich iad gu'n robh àireamh mhòr
shluaigh rompa, a chruinnich 'nuair a chunnaic iad
na loingeis, a' taisbeanadh 'nan giùlan gu leir an t-
iongantas agus an t-uamhas leis an do mhothaiclì
iad gach sealladh coimheach, agus cuspair ùr a bha
nis 'nam beachd. B'e Cohimbus a' cheud duine o'n
lloinn-Eòrpa a sheas riamh air an t-saoghal ùr so
a fhuair e fein mar so a mach. Bha e air 'eideadh
annan culaidh dhreachmhoir eireachdail ; bha claidh-
eamh rùisgte 'na làimh. Lcan a chuid daoine e ;
agus a' tuiteam air an glìiinibh, phòg iad am fearann
a bha na h-airead f hadail orra chum a ruigheachd.
Thog iad crois, agus 'gan sleuchdadh fein, thug iad
taing do Dhia a thug ceann-criche co sòlasacli air
an tums. Ghabh iad an sin seilbh san dLithaich,
ann an ainm ban-righ na Spàinne, leis gach cleacli-
dadh a bha cumanta Scin linn sin. Chuartaich
muinntir na dùthcha iad, a' tabhairt aire le loglin-
adh agus le urram fiamhach do na nithibh a bha na
Spàimiich a' deanamh ; ged is beag a bha fios aca,
nio thruaighe ! ciod bu chiall da. Bha èideadh nan
Spàinneach, gilead an craicinn, am feusagan, an
airm, agus gach ni eile 'nan aobhar ioghnaidh
dhoibh. Lion na soithichean mòr anns an d'thàinig
iad o'n chuan, a bha, air leo, a' gluasad air an
f hairge mar gu'm b' ann le sgiathaibh, agus o'n d'
thàinig fuaim co uamhasach lasrach, le tairneanacli,
le dealanach, agus le smùid co eagalach ; lion na
soithichean so iad le oillt agus uamhunn. Smuain-
ich iad nach bithean cruthaichte a bh' annta, ach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence