Skip to main content

‹‹‹ prev (50)

(52) next ›››

(51)
33
meas a cliunnaic e riamh, agus dà-mheas-deug nach
fac' e. Tòisichear air e fein a shàsuchadh leis na
measaibh — thug na mairt mliaola odhar an aghaidh
dhachaidh, agus lean e iad. Bhleoghain gruagach an
fhuilt òir iad, ach an àite bainne cha d' thainig ach
nùs glas. Thuig an seaim duine mar bhà : " Olaicli
gun fliìrinn 's gun dìlseachd," ars' esan, " bhrist
thu do ghealladh." Thog e a shlachdan-draoidh-
eachd — buailear an t-òganach, 's deanar carragh
cloiche dheth ; a sheas tri làithean a's tri blìadhna ri
taobh an teine ann am bothan an t-sleibh mar
chuimhneachan air bristeadh focail agus coimh-
cheangail fasdaidh.
'Xuair bha latha 's bliadhna eile air dol seachad,
thuirt Ruais ruadh, mac meadhonach Ghorla,
"Tha dà latha 's dà bhliadhna air dol seachad
o'n a dh' fhalbh mo phiuthar àillidh, agus tlia
latha 's bhiadhna o dh' fhalbh mo bhràthair
mòr ; 's bjid a's briathra dhomhsa imeachd an
diugh air an tòir, agus an co'-dhiol a bhi agam."
Ceart mar thachair do'n bhràthair bu shine anns
gach dòigh, mar sin thachair do'n mhac mheadh-
onach ; agus 'na charragh cloiche tha esan an
ceann tighe bothan an t-sle'ibh, mar chuimhneachan
air briste' focail agus coimhcheangail fasdaidh.
Latha agus bliadhna 'na dheigh so, thuirt am
mac a b' òige, Caomhan domi an àigh, " Tha nis
tri Idithean agus tri bliadhna o'n a chaill sinn mo
phiuthar àillidh. Dh' fhalbh brAthairean mo ghaoil
air a t jir. Xis, athair, ma 's ceutach leat*a, cead-
aich dhomh imeachd 'nan deigh 's an co'-dhiol a
bhi agam — agus na deanadh mo mhàthair mo bhac-
ail. Guidheam 'ur cead — na diùltaibh mi."
" Mo chead's mo bheannachd tha agad, a Chaomh-
ain, 's cha bhac do mhàthair thu."
" An deasaich mise," ars' amhàthair, ''ambonnach
mòr as eugmhais mo bheamiachd, no am bonnach
beag le dùrachd mo.chridhe agus deòthas m' anama ?"

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence