Skip to main content

‹‹‹ prev (29)

(31) next ›››

(30)
12
arsa mise, " agiis na biodh aon ni a dhlth oirre tha
freagarach, feumail air a son. Sa 'bhaile-mhòr so
tha sporannan Gàidheal furasd' fhosgladh ; cha robh
snuim chruaidh riamh air 's bean-dùthcha no fear-
dùthcha 'n airc. Thoir air- a h-ais i, arsa mise,
dh' ionnsuidh do dhachaidh fein, agus gheibh sinn
mun teid a' ghrian fodha 'nochd, na dh' fhòghnas.
Gheibh — 's cha chhiinn càch co dhà tha sinn 'ga
iarraidh, na cj bha 'nan airc." Thug so fuasgladh
mùr d'a cridhe, ged dh' fhàs i co lag ann an latha
no dhà 's nach deachaidh againn air a gluasad.
Latha dhomh le bean-dùthcha cheanalta bhi 'ga
h-amharc, 's i mòran ni bu làidire, dh' innis i dhomh
a h-eachdraidh, agus oidheirpichidh mi a toirt seach-
ad 'na cainnt bhlasda fJin.
Màiri d Ghlinne.
II. EARRANN.
" RuGADH mise," deir i, " ann an Eilean a' Cheò.
'S àrd a bheaimta gorma, 's fasgach uaine a ghlinn
bhòidheach. Ged a's lag, dibli mi 'nochd, tha fuil
dhaoine treuna air an cuala sibhse iomiadh, a' ruith
'am chuislibh. Cha robh leanabh aig m' athair 's
mo mhàthair ach mi, agus ghràdhaich iad mi le toigli
mhòr.
" Bha mi, gu truagh, air mo mheas ni b' àille agus
ni bu bhòidhche na aon chaileag eile bha san
dùthaich. Bha crodh a's caoirich againn, a's
gabhail bheag f hearaimi : cha robh d'ith no uireas-
bhuidh oirnn, no farmad ri aon teaghlach san
eilean.
'■' 'Nuair thainig mi gu aois, bha h-aon no dhà ag
iarraidh mo phòsadh ; ach cia mar a b' urra' dhomli
mo làmh thoirt do dliuin' eile, 's gu robh mo chridhc
o chionn fada aig Mànus donn na Beinne.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence