Skip to main content

‹‹‹ prev (11)

(13) next ›››

(12)
doibh dol ceàiT. Gu cinnteach cha deachaidh cùisean ann an Israel riamh mar
astar mòr co fada ceàrr 's a tha iad air dol agaiune; ach chaidh iad cho fada
's gu 'n tug Dia dhuinn dealbh air an dòigh anns ara feudar a h-uilc ni air am
bheil sinn a' gearan a leasachadh. Tha smn a' gcaran gu sònraichte gu 'n deach-
aidh am fearann a Ihug Dia do 'n t-sluagh a thoirt uatha, agus gu 'm bhcil cigh-
reachdan an tuath ann an làmhan nan uaislean. Chunnaic sinn chcana gur h-e
an aon dòigh anns am feudadh duine ann an Israel dealachadh ri oighreachd
aithriche, a toirt an geall do neach air son fhuasgladh ann an èiginn. Tha e
air innseadh dhuinn gu 'n robh cuid de na daoine saibhir a' cumail air ais cuid
nam bochd.
Agus bha gàir mhòr aig aii t-sluagh, agus aig am mnaibh, an aghaidh
am bràithre nan ludhach. Agus bha ann a thubhairt, Le ar mic agus
ar nigheana tlia sinne rionmhor ; agus gabhaidli sinn sìol air an son, chum
gu'n itli sinn, agus gu'm bi sinn beò. Agus bha ann a thubhairt, Ar
fearann, agus ar fìon-liosan, agus ar tighean bheir sinn an geall, chum
gu'm faigh sinn sìol anns a' ghorta. Agus bha ann a thubhairt, Ghabh
sinn airgiod an coinglieall air son clse an righ air ar fearann agus ar
fion-liosaibh. Agus a nis mar flieòil ar bràithre tha ar feòil-ne, mar am
mic-san ar mic-ne ; ach feuch, tha sinn a' toirt thairis ar mac agus ar
nigheana gu bhi 'nan tràillibh, agus tha cuid do'r nigheanaibh air an
toirt thairis a cheana, agus gun chomas againn am fuasgladh, an uair a
ta ar fearann agus ar fion-liosan aig daoinibh eile. Agus bha fearg
mhòr orm an uair a clutala mi an gàir, agus na l)riathra sin. . .
Agus chuir mi comhchruinneachaclh mòr 'nan aghaidh. Agus thubhairt
mi riu, shaorsinne, a reir ar comais, arbràithre nah-Iudhaich a reiceadh
ris na cinnich, agus au reic sibhse mar an ceudna bhur bràithrean, agus
an reicear iad ruinn fèin ì Agus bha iad 'nan tosd, agus cha d'f huair
iad ni air bith ri ràdh. Mar an ceudna thubhairt mi, Cha mhaith an ni
a tha sibh a' cleanamh : nach buineadh dhuibh giuasad ann an eagal ar
Dè, air son maslaidh nan cinneach ar naimhde 1 Aisigibh dhoibh,
guidheam oirbh, mar air an là 'n diugh, am fearann, am fìon-liosan, an
liosan-olaidh, agus an tighean; maran ceudna cuiddo'n t-siol, do'n fhion,
agus do'n oladh, a tha sibh a' togail uatha. Agus thubhairt iadsan,
Aisgidh sinn, agus cha'n iarr sinn uatha : mar sin ni sinn mar a ta thu
'g ràdh. An sin ghairm mi na sagairt, agus ghabh mi mionnan diubh
gu'n deanadh iad a rcir a' gheallaidh so : Mar an ceudna chrath mi
in'uchd, agus thubhairt nii, Mar so crathadh Dia gach duine nach
coimhlion an gealladh so, a mach as a thigh, agus a obair, eadhon mar
30 crathar a mach agus falmhaichear c, Agus thubhairt an coimthional
uile, Amen, agus mhol iad an Tighearn. Agus rinn an sluagh a rèir a'
gheallaidh so.— Neh. v. 1. 13.
Bithidh feadhainn a gabhail an lethsgeul 's ag ràdh nach 'eil iad fo lagh Mhaois.
Ach tha lagh an f hearainn a cheart cho soilleir, cho buan, cho liiidir agus cho
feumail ri lagh na Sàbaid. Cba-n 'eil aon fhocal anns a' Bhìobull a thoirt gnùis
do 'n lcthsgeul fo, no do 'n bharail gu 'n deachaidh na riaghailtean aig Maois

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence