Skip to main content

‹‹‹ prev (12)

(14) next ›››

(13)
13
fhairtlicb. air lòn fhagliainn do 'n hiing ann. Tha c 'n a àit
àilhdh, lo sruthan soilleir, seirah, agus àileadh taitneach. Tha
mòran a dh-fhearann torach 's a' roinn so, agus cuid dhotli a nis
ann a' seilbh Europeanach a tha 'suidheachadh ann gu dlùth.
Tha bail' air a stèidheachadh ann do 'n ainm Gisborne, a tha
'tighinn air aghart gu bras, a chionn an acairseid a bhi fior
fhreagarrach air son soithichean beaga, ged nach 'eil i uilc gu
leir mar sin do loingeas mhòra. As a sin tha bàta-toite 'seòladh
gu riaghailteach gu ruig Naj)ier ann am mòr-roinn Haivkes Bay
(100 mìle).
Tha Haichefi Bay 'dol gu math fad a staigh 's an fhearann,
agus mòran aibhnichean a' dol ann, mar a ta ^Wairoa a tha
so-slieòlaidh fad mhìltean, a' Nguraroro, an TuJìl-Tuki, &c. Air
bruachan nan aibhnichean sin, agus iomadh sruth eile, tha
mòran a dh-fhearann so-threabhaidh, am feadh a tha na maghan
faisg air Napier, priomh-bhaile Mòr-Roinn Haivkes Bay, mu
chuairt air 90,000 acair. Tha cuid mhòr dheth so air àiteachadh,
agus pàirt mhath dheth iar iomdhruideadh 's iar a chur fo fheòir
Bhreatuinneach. Tha mòran ealaidhean agus malairt air an
toirt air aghart ann a Napier, 'n uair bheirear fainear meudachd
an àit agus gainnead an t-sluaigh anns an dùthaich, a tha, ach a
mhàin na maghan a chaidh ainmeachadh, air a sealbhachadh le
caoraich. Ach 'n uair a lionmhoraicheas an sluagh ann an sin
's 'an àitean eile, bi 'dh earrannan mòr' air an togail air son
tuathanais. Tha carbadan a' ruith air iomadh dlieth na deagh
rathadan a th' anns a' mhòr-roinn so ; agus a nis tha carbad a'
siubhal eadar Napier agus Loch Taupo ann am meadhon an
eilean. Agus tha dòchas gum bi rathad iaruinn ann an ùine
ghoirid a' comh-cheangal Napier ri tìr bheartach Waipukitrau,
a tha dà fhichead mìle 's a cuig o cheile, agus an taobh a staigh
do bheagan bhliadhnachan, gu-n deanair a' rathad sin gu
WeUington, dà cheud mìle.
As Hawkes Bay thigear air adliart gu Mòr-roinn Wellinyton.
'S e WaÌTarapa, air an taobh an ear, eari-ann a 's fheàrr dhcth
a' roinn. Ann an sin tha iomadh frith-bhaile 'g èiridh suas —
Masterton, Featherston, Carterton, agus Grey Town. 'Tighinn
a nuas leathad Ghlinn Hutt, lc 'liosan 'us 'àiteachadh grinn,
ruigear acairseid òirdhearc tìr-dhruidtc V/ellington, naoi mìle
timchioll, a tha 'n a iouad-tearmuinn o na stoirmcan làidir a tha
air uairibh a' sèideadh 'an Caolasan Chook. Bhabaile Wellinfjfon,
anns am beil lc fho-bhailtean 10,000 anam, air a steidheachadh
lc Coirneal Wakefield agus Comunn New Zealand anns a' bhli-
adhna 1840. Tha c 'n a laidhe air taobh an iar na h-acairscid.
'S e nis àite-suidhe Flaitheachd na roiimc, 's tha mòr mhalairt
air a toirt air aghart ann. Cosmhuil ri Auckland, tha laimhrig
ann a tha freawarrach air son loingreas deth luchd 's am bitli.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence