Skip to main content

‹‹‹ prev (445)

(447) next ›››

(446)
ORAIN
BEANNACHADH LEANNAIN,
Leis an Urramach A. Stiubhart, 'am Bux-Lochabar.
Beannaich a Dhia mo leaiman gaoil,
Is àille dreach 's as eutrom ceum,
Beannaich i an tùs a h-òifje,
I
A's dìon an òigh d'an tug mi spèis ! j
Beannaich a dà shiiil dhonn, bhòidheach
'Rinn mo chridhe 'leòn air tùs,
A cìil dubh, bachlach, cuachach,
Dà chaol mhala 's gruaidh mo rìiin :
Beannaich a h-uchd 's a broiUeach fior-gheal,
Air an àille sìoda 'n sròl,
A gàirdean rèidh 's a caol-mheòir ealamh
Air gach inneal 's am bi ceòl,
Beannaich a calpa cruinn 's a caol,
'Siubhal eutrom gun bhi fann,
Ceum nach froiseadh dealt thar feòmiein,
Finnealt' seòlt' air ìirhir damis';
'Athair, 'Mhic, 's a Spioraid Naoimh !
An Co-Dhia 'an Aon is àirde glòir,
Beannaich an rìbhinn òg 'na com
O mhullach 'cinn gu bonn a bròig!
Beannaich gach deadh bheus a's buaidh
Anns an d' fhuair i urram mòr,
Bàigheil, banail, bandaidh, ciallach,
Cridhe farsuinn, fialaidh, còir :
Ann an neo-chiontachd a h-òige,
Aim am bòicheadas a gnùis,
'Na maighdinn, 'na mnaoi-phòsd' 's na màthair,
Beannaich gu bràth i 'Eìgh nan Dùl !
Beannaich ar mòr ghaol d'a chèile,
Dean e seasmhach, stèidhte, buau,
Greas an t-àm 's an toir i làmh dhomh,
'San goir mi bean mo ghràidh ri m' luaidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence