Skip to main content

‹‹‹ prev (438)

(440) next ›››

(439)
OHAIDHEALACH.
EILEAN AN FHRAOICH.
Le Murachadh MacLeòid.
Tha Leòglias ))heag riabhach, — bha i riamh 's an Taobh Tuath, —
Muir tràghaidh a's lìonaidh 'g a h-iadhadh mu 'n cuairt;
'N uair a dheàrrsas a' ghrian oirr' le riaghladh o shuas
Bheir i fàs air gach sìol aii' son biadh dha' 'n t-sluagh.
FoNX. — A chiall nach mise 'bha 'n Eilean an Fhraoich !
Nam tìadh, nam bradan, nam feadag, 's nan naosg!
Nan lochan, nan òban, nan òsan 's nan caol —
Eilean innis nam bò, 's àite-còmhnuidh nan laoch !
Au t-Eilean ro mhaiseach, gur pailt ann am biadh;
'S e Eilean a's àillt' air 'n do dheàlraich a' ghrian;
'S e Eilean mo ghràidh-.s' e, bha 'Ghàidhlig ann riamh ;
'S cha 'n fhalbh i gu bi-;\th gus an tràigh an Cuan Siar!
'N àm èiridh na grèine air a shlèibhtibh bidh ceò,
Bidh 'bhanai-ach ghuanach 's a' bhuarach 'n a dòm,
Ri gabhail a duanaig 's i 'g uallach nam bò,
'S mac-talla nan creag ri toii-t freagairt d' a ceòl.
Air feasgar an t-samhraidh bidh sunnd air gach sprèidh ;
Bidh 'chuthag a's fonn oirr' ri òran di fèin;
Bidh uiseag air lòn agus smeòrach air gèig,
'S air cnuic ghlas a's leòidean uain òga ri leum.
Gach duine 'bha riamh ann bha ciatamh ac' dha,
Gach ainmhidh air sliabh ann, cha 'n iarr às gu bràth ;
Gach eun 'thèid air sgiath ann bu mhiann leis ann tàmh ;
'S bu mhiann le gach iasg a bhi 'cliathadh ri 'thràigh.
Na'm faighinn mo dhùrachd 's e 'lùiginn bhi òg,
'S gun ghnothaoh aig aois rium fliad 's a dh' fhaodainn bhi beò;
Bhi 'n am bhuachaiH' air àiridli fo shàil nam beann mòr'
Far am faighinn an càis' 's baiime blàth air son òil.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence