Skip to main content

‹‹‹ prev (424)

(426) next ›››

(425)
GIIAIDIIEALACH.
A Chill-òrain na'm pàircean 'sam b'àbhaisd na ti'euin
A bhi falbh do ghach ceàrna 's an deanamh iad feum,
'S ged is tric anns na blàir bhiodh na gàbhaidhean geur,
Chuii-eadh gaisge nan Gàidheal air an nàmhaid an rèis.
N'ach bòidheach a sheallas, etc.
'S e mo bheachd nach robh fathasd 's na h-eileinean 'n iar,
Daoin' uaisle cho barraicht' le foighdinn 's ciall,
Mar uain aig a' bhaile, 's a chath a' bhiodh dian,
Cloinn NèiU nan làmh-dhearg, bha iad ainmail o chian.
Nach bòidheach a sheallas, etc.
Cha tèid agam air innseadh na sgrìobhadh le peann,
Na chuir sios ann an òran gach sòlas a th' ann,
'S on a bha mi na'm phàisd' mi gun tàmh cuir air ainm
Agus bithidh gu bràth £ad 's a's Gàidhlig mo chainnt.
Nach bòidheach a sheallas, etc.
Bu mhaith bhi ann daonnan seach taobh Loch-nan-Ceall,
Fo dhubhar nan sliabh gus 'n do liath e mo cheann,
'S nach fhaic mi ach caoirich, na daoin' cha'n 'eil ann,
'O na sgaoileadh a' chuideachd bha 'm Muile nam beann.
Nach bòidheach a sheallas, etc.
S e chuir mis' ann,am Muile fo mhulad 's fo bhròn,
Nach fhaic mi mo chruinneag 's nach toir i dhomh pòg,
'S e nach fhaod mi bhi làmh riut a chi'àidh mi cho mòr,
'S ged tha Nolluig aig càch, air bheag stàth tha i dhomhs'.
Nach bòidheach a sheallas, etc.
Ach 's e dh'fheumas mi strìochdadh 's bhi 'sìor chuir air dbigh
Tha mi cinnteach nach pàigh e bhi fàsgadh nan dòrn,
'S on a tha mi gun bhàta bhiodh sàbhailt le seòl,
Thèid mi null 's an "Dunài'a" mar fàilnich mo phòchd'.
Nach bòidheach a sheallas etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence