Skip to main content

‹‹‹ prev (231)

(233) next ›››

(232)
ORAIN
Cha'n 'eil cron cumaidli ort r' a luaidh,
'S gii blieil do bhuaidhean còrdadh rium;
'S bidh sàr dhaoin'-uaisl' ag òl k cuachaibh,
Sh'iinte bhuan an còmhnuidh dhuit.
Bidh sàr dhaoin'-uaisle, treubhach, tapaidh,
Spèiseil, gasda, mòr-chuiseach,
Ri luaidh gun bheud aii" beul nam beus,
'S a' cur an cèiU a dòigheanan ;
'S iomad òigear fearail, fìnealt',
'S pailteas nì a's stòrais dhaibh,
A chunntadh suarach iad g^x lèir,
Air ghaol bhi rèidh am pòsadh riut.
O 's ann air ceann nan iomadh dual,
A dh' fhàs a' ghruag is dòmhaile;
Gu pleatach, cuachach, dreachar, snuadh-dhubh,
Lùbach, duahich, feòirleineach;
'S an sìod' thig o na h-Innsean Shuas,
Air uachdar, cumail còmhdaich air;
A's pàirt dheth crochadh sios gu d' ghuailnean,
'S òr do chluas ga chòmhlachadh,
O 's lìonar buaidh, a tha riut fuaighte,
Nach gabh luaidh no fòghlum dhomh;
'S tu 'n fhìor fhuil uasail nach robh suarach —
Dhuit bu dual o d' sheòrsa sin;
Na sruthain mheara, ghlana, uaibhreach,
Dìreadh suas ad phòraibh-sa;
O 's glan an ìr' o'n deach do bhuaineadh,
Cha robh snuadh an fhòlaich oirr'.
Dà mhala chaoil, mar it' an eòin,
Air gnùis, is bòidhche fàiJteachadh;
Dà shùil mar dhearcagan an fhraoich
Ad aodann, a's fiamh-ghàir orra;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence