Skip to main content

‹‹‹ prev (215)

(217) next ›››

(216)
194
'S ma rinn iad thu mhealladli
Ann an gradaig bhuam fhèin,
Leigidli mi mo chiad beannachd
Gacli aon là às do dhèigh.
NIGHEAN DONN NAM MEALL-SHUIL. j
Hùgaibh air nigh'n donn nam meall-shuil,
'S trom mo cheum an dèigh mo leannain;
Hùgaibh air nigh'n donn nam meall-shuil !
Mo nighean donn nam mala caola,
'S misde mi na thug mi 'ghaol dhuit ;
Cha d' f hiiair mi dhuit cron no aobhar,
Ach cho aomach 's bha do ghealladh.
Hùgaibh, etc.
'S mo nighean donn nam ineall-shùil blàtha,
'Smisde mi na thug mi 'ghràdh clhuit;
Leam nach b' aithreach suidhe làmh riut;
Thug thu dhomh do làmh 's do ghealladh.
Hùgaibh, etc.
Gur a lionmhor mais a' fàs ort,
Bho mhuUach do chLnn gu d' shàiltean;
Leis gach beus cha lèir dhomh d' fhàiUkm;
Thug thu bàrr air càch le ceanail.
Hùgaibh, etc.
Do phears' aotrom, aoidheil, sunndach,
Fonnmhor, gun bhi trom air ùrlar,
Seang-choi-p fallan, gun bhi dùmhail,
Cho math 's gu 'n tig gùnn bho 'n cheannach.
Hùgaibh, etc;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence