Skip to main content

‹‹‹ prev (147)

(149) next ›››

(148)
ORAIN
'Smi nach iarradli, etc,
B' anns' bhi leat air miillach slèibhe.
Ailein dhuin, etc.
Ailein duinn, a chill 's a nàire !
Chuahx mi gu'n deach' do bhàthadh.
Ailein duinn, etc.
Chuala mi gu 'n deach', etc.
Gur-a truagh nach mi bha làmh riut.
Ailein duinn, etc.
Gur-a truagh, etc.
Ge b'e sgeir no bogh' an tràigh thu.
Ailein duinn, etc.
Ge b'e sgeir, etc,
Ge b'e tiurr' am fàg an làn thu.
Ailein duinn, etc.
Ge b'e tiurr' am fàg, etc,
Dh' òlainn deoch ge b'oil le m' chàirdibh.
Ailein duinn, etc
Dh' òlainn deoch, etc.
Cha b' ann a dh-fhìon dearg na Spàinne.
Ailein duinn, etc
Cha b'ann a dh-fhlon, etc
Ach a dh-f huil do chuim, 's i b'fheari' leam.
Ailein duinn, etc.
O gu'm pàigheadh Dia do d' anam,
Na fhuair mi dhe d' chòmhradh falaich.
Ailein duinn, etc
Na fhuair mi, etc,
Na f huair mi dhe d' chuid gun cheannach.
Ailein duinn, etc

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence