Skip to main content

‹‹‹ prev (140)

(142) next ›››

(141)
GHAIDHEALACH.
Sheall e cia lion a bh' ann diubh,
M' an rachadli e g' an ionnsaidh —
Bha dà fhear dheug a's ceannard,
Cho teann air 's a b' un-ainn daibh.
Chum e riù a' bhòtach,
'S bha Iseabal ga 'chòmhnadh.
Cha do thar iad gus an ecilas,
'S ann leòn e gu h-ulhimh iad.
Gheàrr e leiim gu h-aotrom,
G' an ionnsaidh agus f "raoch air ;
Cha d' f hàg e ceann air h-aon diubh,
'Thoirt sgèil air an turas ud.
Mo bheaimachd air an t sealgair !
Annad chuirinn earbsa !
'S tu rinn an gniomh neo-chearbach ;
'S tu dhearbh a bhi urramach !
Thuii't lain Dubh, 's e 'tionndadh —
" Bho 'n rinn mi 'n gniomh bha shannt orm,
Ghaoil, grad thoir deoch d'an leanu domh,
'Sgu 'n danns mi 'Na Tuhxichean.' "
Their breitheamhna na tìre,
Ma labhras iad an fhirinn —
"De n' thig de cheol à fìdhlean
'Se 'srìgh dhiubh 'Na Tulaichean.'"
Tha "Tulach-gorm" a's " Seann-triubh's"
Ilo ainmeil 's an àm so ;
A's ged a tha, cha samhl' iad
Do m' annsachd, " Na Tulaichean."
Ge math a' " Chutach-chaol-dubh,"
'S gach ceòl a ta ri fhaotainn,
Cha tig iad mar fhad glaoidhe
Do m' ghaol sa, "Na Tuhiichean."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence