Skip to main content

‹‹‹ prev (50)

(52) next ›››

(51)
GIIAIDIIEALACII.
AN RIBHINN LXJRACH.
An teid thu leam, a ribliimi luracli ?
Am falbli tliu leam, a rìbhinn lurach ?
Tiugainn, tiiigainn do bhràigh Mhuile,
'S cha bhi cunnart dhuit no fàillinn.
Tiugaimi leam do 'n àite lurach,
Nach 'eil a leithid anns a' chruinne,
Taobh a'chaoil 's am bi na hiingeis,
Speuran a' mhuUaich mar sgathain.
An teid thu leam, etc.
Daòimean anns gach àite 'dearrsadh,
'M bxm nan cnoc 's am barr nani slèibhtean ;
Thug e barr air tìr na h-Eiphit,
'S gu leir air talamh Chanàin.
An teid thu leam, etc.
Tha gach meas ann, 's tlia gach luibh ann,
Tha gach nl ni feum do dhuin' ann —
Mèinean òir am bun gach struthain,
A' boillsgeadh inar rionnaig a' deàrrsadh.
An teid thu leam, etc.
Biolair ann am bun gach fuarain,
Eilid anns a' ghleann taobh shuas dheth :
'S tric a bha mi greis 'g a ruagadh,
'S bhiodh i buailt m'an cluinnt' an làmhach.
An teid thu leam, etc.
Mharbhainn coileach-dubh a's ròn dhuit,
Tàrmachan a's damh na cròice,
Ach ma thèid thu^ leam do'n Chrògan,
A chaoidh ri d' bheò cha'n iarr thu 'fhàgaih
An teid thu leam, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence