Skip to main content

‹‹‹ prev (20)

(22) next ›››

(21)
15
'S ann a bhòdhras iad le 'n ceòl mi, —
Pìob, 'us fidhleireachd, 'us bòilich ;
'S mòr bu bhinne leam do chòmhradh,
'S d' òrana 'bu mhòdhar fuimi.
'S ann leam fhèin ]m bhinne 'chòisridli
Aims a' mhaduinn Chèitin, cheòthar, —
Uiseagan os ceann nan lòintean,
Smeòraicliean air meòir 's a' cIioiU.
Crodh a' nuallanaich 's a' geunmaich,
Laoigh a' riodais, 'us a leumnaicli, —
Buachaillean a' ruaig a' chèile,
A' cumail an treud ud cruinn.
Sud e 'n ceòl a's binne 'chualas,
Luinneag foil aig l)annal ghruagach,
Aig iomaiia a' chruidh laoigh do 'n bhuaile,
Cuach, 'us buarach air an druini.
Mo leannan fhèin 'n an teis-meadhoin,
'Seinn an òrain cheòl-mhoir, mhilis, —
Anail chùbhraidh, deud a's gile,
Anns a' bheul a's grinne ponc.
Lasadh nio chridhe le gràdh dhuit
'N uair a nochdadh tu air fàireadh ;
'S tu cho geal ri cobhar sàile
'Tigh'n gu tràigh air bhàrr na tuinn'.
Ged a tliug mi rè a' gheamhraidh
Air na sràidean anns a' Ghalltaclid,
Bi'dh mi 'triall 'an tùs an t-slianihraidh
'Shealtuinn m' annsachd anns na glinn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence