Skip to main content

‹‹‹ prev (289)

(291) next ›››

(290)
268 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
bliadhna fichead. Co dhiiibh, o sin gu so cha'n fhacas
is cha chualas a' Ghlaistig. Theagamh gu'n do
ruaigeadh as a' Ghleann i le sgreadail fhideag nam
bàtaichean smùide a' dol sios is suas an Linne Sheilich,
no le urchairean luchd-buidhinn cloiche na Creige-
Eiteige aig bun Eas nan Con. Co dhiùbh, dh'fhalbh
i, agus cha'n 'eil duine 'ga h-ionndrainn.
Is iomadh sgeul a bha air innseadh m'a timchioll,
agus is iomadh meadar math bainne a chaitheadh oirre
le banaraichean air airidhean a' Ghlinne. Oir an
oidhche a dh' fhagadh iad am meadar Ian bainne aice,
gheibheadh iad gach ni ceart an dara mhàireach; ach
an oidhche nach fagadh, bhitheadh na laoigh air an
leigeil a mach as a' chrò, agus an crodh air an deoghal
air an ath mhaduinn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence