Skip to main content

‹‹‹ prev (283)

(285) next ›››

(284)
[GOBHAINN SRON AN T-SITHEIN AGUS A'
GHLAISTIG.]
Bha gobhainn de Chloinn a' Phearsain a chòmhnuidh an
Sròn an t-Sithein an aon de na linntibh a chaidh
seachad. Bha e 'na chleachduinn aige a' cheàrdach a
reiteachadh agus gach iarunn agus ball acfhuinn a chur
seachad mu'm falbhadh e dhachaidh 'san oidhche. Ach
an uair a philleadh e air ais air an ath mhaduinn agus
a dh' fhosgladh e dorus na ceàrdaich, gheibheadh e a
h-uile ni air an toirt as an aite 'san d'fhàg e iad, agus
air an sgapadh air feadh an ùrlair. Cha b' urrainn e
a thuigsinn ciod a b' aobhar do'n aimhreit so, agus
uime sin chuir e roimhe fuireachd oidhche anns a'
cheàrdaich feuch am faigheadh e mach e.
Sheas e ann an oisinn aig cùl an doruis, agus an
t-òrd mor aige eadar a dhà làimh, a' feitheamh ciod a
thachaireadh. Dh' fheith e ijine mhath gun ni
fhaireachadh ; ach mu dheireadh thàinig Glaistig mhor
a stigh 'na still air an dorus, agus gun dàil tiota
thòisich i, le mire chuthaich, air gach iarunn agus gach
ball acfhuinn air am faigheadh i a làmh, a thilgeadh
a null is a nail air feadh an tighe.
Bha aon 'na cuideachd air an robh coltas leinibh bhig.
Thug an t-aon so an aire do 'n ghobhainn 'na sheasamh
aig CÙ1 an doruis, agus air ball thubhairt e: " Tha an
Tamhasg 's a' chùil, a chailleach ! Tha an Tamhasg
's a' chùil." Fhreagair i gun uibhir agus stad air a
ceum no sùil a thoirt an taobh a bha an gobhainn:
" Cha'n 'eil ann ach Logais Beag! Cha'n 'eil ann ach
Logais Beag! "

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence