Skip to main content

‹‹‹ prev (279)

(281) next ›››

(280)
[AN CEATHRAR SHEALGAIR IS AN
CEATHRAR GHLAISTIG.]
Chaidh ceathrar shealgair a sheilg do Bhràigh Lochabar
ann an aon de na linntibh a chaidh seachad. An deidh
do sheilg an la a bhi thairis, thug iad orra gu bothan-
àiridhe a chaitheadh na h-oidhche. Rainig iad am
bothan am beul an anmoich, agus an deidh teine a lasadh
agus an suipeir a ghabhail, shuidh iad mu'n teallach,
agus thòisich iad ri còmhradh. Dh' fhairich iad iad
fhèin ro chomhfhurtachail, agus thubhairt triùir dhiubh
ann am fala-dhà nach robh ni da 'n dith a nis ach an
leannain chum an deanamh cho sona ris an righ. " 'N
Ni Maith eadar mise agus sin," thubhairt an ceathramh
sealgair.
Sguir an còmhradh an sin, agus tharruing an triùir
shealgair air falbh do dh' oisinn a' bhothain, ach dh'
fhuirich an ceathramh fear far an robh e.
Goirid an deidh sin thàinig ceathrar bhan a stigh do 'n
bhothan, an cruth agus an coltas leannan nan sealgair.
Chaidh triùir dhiubh a null agus shuidh iad làimh ris
an triùir shealgair 'san oisinn ; ach sheas a' cheathramh
h-aon mu choinneamh an t-sealgair a bha aig an teine.
An uair a chunnaic an sealgair, a bha aig an teine, so,
tharruing e a bhiodag as an truaill, agus chuir e i
tarsuinn air a ghlùin. An sin thug e mach da thruimb
as a phòca, agus thòisich e air cluich orra. Thug a'
bhean a bha m'a choinneamh an aire dha so, agus
thubhairt i :
" Is math an ceòl a tha 'san truimb
Mur bhi am pong a tha 'na deidh : —
Is math le fear d' an cuid i bhi
'Na ghob an àite tè."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence