Skip to main content

‹‹‹ prev (275)

(277) next ›››

(276)
[DOMHNULL MOR OG AGUS GLAISTIG NA
BUIDHEINNICH.]
Tha an sgeul a leanas air innseadh an so a chionn gu'm
bheil e, mar tha an dara sgeul, a' nochdadh gur trend
fhiadh a bha ann an trend na Glaistige.
Bha Domhnull Mòr Og Camaron a chòmhnuidh am
Bràigh Lochabar ann an ceud leth an linn a chaidh
seachad. Bha e 'na dhuine comharraichte air iomadh
dòigh. Anns a' cheud àite bha an da shealladh aige.
Mar dh' eirich do'n Phortair Cham, chunnaic e roimh
làimh cuin agus c'àite an robh Cailein Caimbeul Ghlinn
lubhair gu bhi air a mharbhadh ; agus a rèir beul-
aithris, bha e cho cinnteach gu'n tachradh gach ni mar
chunnaic e, is gu'n d' thàinig e a h-uile ceum o'n
Bhràigh gu coille Odhanaich far an d' fheith e gus
an cuala e fuaim na h-urchair a loisgeadh air taobh eile
a' chaolais le Ailein Breac.
Bha Domhnull mar an ceudna ainmeil mar shealgair
fhiadh. Cha robh a leithid r'a fhaotainn an Lochabar r'a
linn, agus is coltach gu'n robh an dara sealladh feumail
dha mar shealgair. Air la àraidh, am feadh a bha e
a' sealltainn suas o iochdar a' Ghlinne ri mullach na
Buidheinnich, thubhairt e ri coimhearsnach, a bha 'na
sheasamh làimh ris: "Is mise a tha a' faicinn an
t-seallaidh ! Cuir thusa do chas air mo chois-sa, agus
chi thu e cuideachd." Rinn a choimhearsnach mar dh'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence