Skip to main content

‹‹‹ prev (263)

(265) next ›››

(264)
[AN DA BHRATHAIR A BHA AN ODHANAICH
AGUS GLAISTIG NA BEINNE BRICE.]
Bha uair-eigin an Odhanaich da bhràthair a bha
anabarrach deidheil air seilg agus air iasgach. An am
an t-samhraidh agus an fhogharaidh b' àbhaist dhaibh
dol do'n Mhonadh Dhubh, agus re na h-ijine a bhith-
eadh iad an sin» ghabhadh iad fasgadh ann am bothan-
àiridhe
Lagan Odhar a' Chàthair
Aig sail Beinne Bhric.
An so bhitheadh a' Ghlaistig a' tadhal orra gus an
d'fhàs i fein agus iadsan cho eòlach air a cheile is ged
robh iad 'nan coimhearsnaich riamh. Ach cha robh
tlachd air bith aig na sealgairibh 'na cuideachd, oir bha
i ciio draghail is gu'm b' eiginn daibh a bhi a ghnàth
air an earalas 'na h-aghaidh.
Bha fear de na bràithribh, air an robh mar ainm
Gilleasbuig, foidhidneach rithe; ach cha robh am fear
eile ris an abradh iad Raonull. Cha robh Gilleasbuig
toilichte d'a bhràthair air-son a ghiùlain ; oir bha eagal
air gu'm brosnaicheadh e an trusdar caillich gu
dioghaltas a dheanamh orra. Le sin, an uair a chasadh
a bhràthair oirre le a bhiodaig, agus a ghlaodhadh i :
" Caisg Raonull, a Lasbaig," theireadh Lasbaig
le spraic: " Nach leig thu leis a' bheathaich
bhochd." An sin thionndaidheadh i air fein, oir cha b'
urrainn di fuireachd sàmhach tiota, agus dh' iarradh
i air gradan, le run a ghlacadh air làimh an uair a
bhitheadh e a' sineadh dhi a' ghradain, agus a thoirt

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence