Skip to main content

‹‹‹ prev (255)

(257) next ›››

(256)
SGEOIL MU GHLAISTIGEAN.
Bha Domhnull Maclain 'na àireach aig tuath Achadh-
an-todhair an Lochabar. An uair a thàinig an
samhradh, chaidh e le spreidh a' bhaile chum àiridh
na Beinne Brice air taobh tuath an Uisge Dhuibh.
Air la àraidh, is e 'na shuidhe air an Ion an cois
na Beinne, agus an crodh 'nan laighe m'a thimchioll,
chuala e guth caol ann fad as; agus ghrad dh' amhairc
e an taobh o 'n d'thàinig e. Ciod a chunnaic e an sin,
a' tighinn le luathas mor, agus a' deanamh direach air
an aite 'san robh e 'na shuidhe, ach Glaistig. Gun dàil
tiota tharruing e as a rathad, agus dh' fheuch e ri falach
a dheanamh air fein ann an torn roideagaich. Ach ma
dh' fheuch, cha b' ann gun fhaireachadh dhise.
Thionndaidh i an taobh a ghabh e, agus ann am
priobadh .na siila bha i 'na seasamh r'a thaobh.
Thòisich i an sin ri leum a null is a nail thar a chuirp,
a' bualadh a basan, agus ag ràdh nam briathar a
leanas : —
Am faic sibh am bramachan roidein
'Na laighe am measg nam bo?
Bhuaileadh e buille eadar da bhuille
Is buille eadar da dhòrn,
'San Ion eadar da dhoire
'San doire eadar da Ion ?
An uair a dh' fhàs i sglth de'n obair sin, dh'fhalbh
i le cruinn-leum uallach a' seinn na luinneig so:
Is mire mi na'm fior-eun mor
Is mire mi na'm fior-eun òg ,
Is mire mi na laogh da bhò,
Is mire mi na meann an crò;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence