Skip to main content

‹‹‹ prev (221)

(223) next ›››

(222)
200 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
e oirre a chuideachadh le a comhairle. " Rach air t'ats
gu tigh do bhràthar agus fuirich an sin an nochd.
Mu'n tig an latha, bithidh cur sneachda ann, agus
còmhdaichear an talamh leis. Anns a' mhaduinn gabh
sguab arbhair agus gairm am mart ban as do dhèidh.
Thoir ort an sin do Ghleann Nodha leatha fèin agus
leis na leanas i, agus fuirich ann."
Thill Mac an t-Saoir do dh' Inbhir Abha, agus rinn
e gach ni mar dh' iarr a' bhean shlthe air. Dh' èirich
e moch an ath latha, thug e sguab choirce as an t-sabhul,
agus dh' fhalbh e do Ghleann Nodha leis a' mhart
bhàn agus an leth a bu mhotha de bhuaile Inbhir Abha
'na dheidh. Ràinig e an Gleann, far an do thog e
tigh, agus goirid 'na dheidh sin phòs e.
Uine mhath an deidh dha pòsadh, bha a bhean 'na
laighe-shiùbhladh, agus a beatha an cunnart mòr. Cha
robh fios aige ciod a dheanadh feum dhi, no cò dh'
ionnsaidh an rachadh e air-son cuideachaidh. Mu
dheireadh smuaintich e air a' bhean shithe, agus air
dol far an robh ise. Ach cha bu luaithe a thàinig an
smuaint so 'na cheann na chuimhnich e gu 'n robh i
ro eudmhor, agus gu'm faodadh i comhairle a thoirt
seachad dha a dheanadh coire an àite maith d'a mhnaoi.
Chuir an smuain so dragh air re tamuill. Ach mu
dheireadh thubhairt e ris fèin gu'n glèidheadh e
tinneas a mhnatha uaigneach, agus gu'n abradh e gu'm
b' i an lair ghlas a bha an cunnart.
Ràinig e a' bhean shithe, agus dh' fheòraich e dhith
ciod a bheireadh freasdaladh do'n lair. Fhreagair i:
" Gabh còig cathraichean de 'n bhruth-chorc, agus cuir
iad fo ghliin cH na làrach, agus an iiine ghoirid bithidh
i cho math is a bha i riamh.
Phill Mac an t-Saoir dhachaidh, agus chuir e bruth-
chorc fo ghliin cH a mhnatha, agus ann an tiota fhuair
i fuasgladh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence