Skip to main content

‹‹‹ prev (179)

(181) next ›››

(180)
[AN NIGHEAxN A DH' FHALMHAICH
CISTE-MHINE DO-THRAOGHADH
NAN SITHICHEAN.]
Chaidh nighean òg uair-eigin roimhe so a shaodachadh
cruidh a h-athar do'n mhonadh. Bha Sithean roimpe
anns an t-slighe a ghabh i, agus an dèidh dhi tighinn
'na shealladh, thachair oirre buidheann shlthichean le
aon na b' àirde na an còrr air an ceann. Rug am
fear so oirre, agus le cuideachadh chàich thug e leis
i do'n t-Sithean.
Cho luath is a fhuair e stigh i, chuir e mar cheangal
oirre na bha de mhin anns a' chiste-mhine a dheasach-
adh 'na aran mu'm faigheadh i a duais, agus cead
falbh dhachaidh.
Cha robh a' chiste ach beag agus le sin shaoil an
nighean bhochd nach bitheadh i ach goirid 'ga
falmhachadh. Ach anns an dòchas so bha i gu mòr air
a mealladh. Oir ged a thòisich i air deasachadh, agus
a chum i aige le a h-uile neart la an dèidh là, bha a
h-obair a reir coltais an diomhain. Mar dh'
fhalamhaicheadh ise a' chiste, lionadh a' chiste ris.
Chunnaic i mu dheireadh nach tigeadh crioch air a
h-obair, agus uime sin, air a daorsa, am feasd. Lion
an smuaint so i le mulad cho mòr is gu'n do bhrist i
mach ann an caoineadh.
Bha seann bhean anns an t-Slthean a thugadh air
falbh 'na h-oige leis na sithichibh, agus a bha cho fada
ann agus gu'n do chaill i dòchas air faotainn as.
Chunnaic a' bhean so staid na h-inghine, agus an uair

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence