Skip to main content

‹‹‹ prev (175)

(177) next ›››

(176)
SITHICHE CHOIRE OSBAINN AGUS AN
TAILLEAR.
Bha bean dobair an Coire Osbainn aig an robh leanabh
a dh' fhàs ro chrosda agus duilich a bhanaltrachadh.
Cha robh fios aice fèin no aig a fear ciod a bha air an
leanabh, no ciod a dheanadh lad ris, gus an d'thàinig
an Tàillear a dheanamh aodaich de dh* eige chlòtha air
ùr-thighinn as a' mhuileann luaidh. Air an ath latha
an dèidh dha tighinn, chaidh bean a' chlobair do'n
àite-mhòine, agus dh' fhàg i an leanabh air a churam
gus an tilleadh i. Goirid an dèidh dhi falbh, gu de
a chuala an Tàillear air a chijlaibh ach ceòl binn na
pioba moire. Sheall e an rathad as an d'thàinig an
ceòl, agus CO a chunnaic e 'na shuidhe anns an
leabadh, ach seann duine beag, Hath, le feadan
connlaich 'na bheul, agus e ag cur ri port a chluich
ris am bheil na rainn a leanas air an seinn :
Uist Oireannainn ! Uist Oireannainn I
Uist Oireannainn! Uist O thi !
'S fhada tha a' chaile gun tighinn
'S gu'm faigheadh an Cannan cioch.
Uist Oireannainn, etc.
Chum e air a' phort so a sheinn gus an cuala e am
boirionnach a' tighinn. An sin sguir an ceòi, agtis
bha e 'na leanabh beag a rithist.
Cha d'innis an Tàillear do'n mhnaoi ni de na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence