Skip to main content

‹‹‹ prev (103)

(105) next ›››

(104)
82 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
aiste, agus dh'fhairich e gu'n d'thug sin eutromachadh
air 'inntinn. Mu mheadhon-oidhche thug an cadal
thairis e, agus cha do dhùisg e ach gus an robh an
latha 'bristeadh. Bha 'n sin fathan bòidheach gaoithe
ag iomain an ràtha roimhe. Chuir lain seachad tri
oidhchean agus tri làithean air an rath. Ach air feasgar
an treas la chunnaic e fearann roimhe agus ann an
dorchadh na h-oidhche bhuail an rath air a' chladach
anns an aon phort bu bhòidhche 'chunnaic e riamh bho
oir tuinne gu bun coille.
Leum Iain Seòladair air tir, toilichte gu'n d'fhuair
e, aon uair eile, leud a bhuinn a dh' fhearann fodha.
Thug e leis na pocanna gu bràigh a' chladaich, far an
d'fholaich e iad anns a' ghainmhich. Shlaod e 'n sin
an rath suas gu oir na coille; oir thubhairt e ris fèin :
" Cha'n 'eil fios nach dean e feum do dhuine eile
fhathast."
Bhuail e 'n sin a stigh do'n choille, feuch an tachradh
e air tigh anns am faigheadh e fuireachd. Ach ged
shiubhail e fad na h-oidhche, cha'n fhac' e tigh no
treabhair. Mu bheul an latha thug e sùil roimhe, agus
chunnaic e goirid as smùid ag èirigh aig bun stalla mòr
creige. Rinn e direach air, agus gu de bha 'n sin ach
turasgal mor dubh de thigh coltach ri seann mhuileann.
Bha e a' toirt thairis le sgios agus le cadal, agus le sin
bhuail e stigh gun chead iarraidh no fhaotainn.
Bha boireannach dreachmhor 'na suidhe taobh an
teine roimhe; agus an uair a thug i 'n aire dha, chaidh
i 'm fiamh mor, oir cha robh i cleachdte ri luchd-siubhail
fhaicinn a' tighinn an rathad. Ach an iiine ghoirid
ghlac i de mhisnich gu'n d'fheòraich i dheth co as a
thàinig e? Fhreagair e gu'm bu sheòladair bochd e,
a shnàmh gu tlr a long a chaidh fuidhe fad' a mach air
a' mhuir. Thug i da biadh agus deoch, agus ghuidh
i air cabhag a dheanamh, agus a bhi mach as an tigh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence