Skip to main content

‹‹‹ prev (51)

(53) next ›››

(52)
30 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
agus an sin thòisich an duin'-iiasal air bualadh leis
an òrd-mhòr, agus an Gobhainn Dubh leis an òrd-
làimh, agus le aon gharadh tathaidh rinn iad an aon
nighean bu bhrèagh 'chunnaic duine riamh. An uair
a tha iad deas, thug an duin'-uasal duais mhath do 'n
Ghobhainn Dubh, agus dh' fhalbh e, agus an nighean
òg aige 'na chuideachd.
Cho luath 's a dhealaich e riu, ghabh an Gobhainn
Dubh a stigh do 'n tigh, agus thubhairt e r' a mhnaoi :
" Nach 'eil naigheachd agam dhuit? Tha mi 'n d^idh
nighean òg cho brèagh 's a chunnaic thu riamh a
dheanamh de dhà shean chaillich. Falbh agus ni sinn
te eile de d' mhàthair fhèin agus de m' mhathair-sa,
agus an sin bithidh againn ni nach robh againn gus
an so, nighean leinn fhein," Thubhairt a bhean :
" Thoir an aire nach e leithid eile ri goibhneachd an
eich bhàin a bhitheas agad."
" Cha'n eagal da sin," ars an Gobhainn Dubh, agus
chaidh e 'n greim.
Dh' fheuch e gach ni a dheanamh mar chunnaic e
an duin'-uasal a' deanamh; ach, mur b' e leithid eile
ri goibhneachd an eich bhain a bh' aige mu dheireadh,
b' e ni-eigin a sheachd miosa.
Chaidh ùine seachad, agus an sin co 'thadhail anns
a' cheàrdaich ach an ceud dhuin'-uasal. An deidh
dha fàilte chur air a' Ghobhainn Dubh, thubhairt e
ris: " Am bheil saod idir ort leth an airgid a choisinn
mi dhuit a thoirt domh, mar gheall thu?" Cha robh
sin air a' Ghobhainn Dubh: cha d' thugadh e uibhir
agus buidheachas. An sin thòisich an duin'-uasal air
fas cho mor 's gu 'n robh an Gobhainn Dubh an
cunnart a bhi air a leudachadh eadar e agus oisinn an
teallaich. An uair a chunnaic an Gobhainn Dubh an
cunnart mor 'san robh e, thug e mach as a phòca
sporan leathraich a bha druidte le iallan. agus an
sin thubhairt e ris an duin'-uasal: "Tha mi 'faicinn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence