Skip to main content

‹‹‹ prev (45)

(47) next ›››

(46)
24 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
leth an airgid a choisneas thu." Gheall an Gubhainn
Dubh gu 'n deanadh e mar dh' iarradh air, agus
dhealaich iad.
Air an ath latha dh' fhalbh an Gobhainn Dubh leis
a' bhocsa chum na faidhreach. An uair a ràinig e,
choinnich e Gobhainn-an-Righ ; ach dhiùlt e 'bhocsa
'fhosgladh an toiseach. An sin chaidh Gobhainn-an-
Righ gu taobh an uisge, agus cho luath 's a dh'
fhosgail e 'bhocsa, leum bradan a mach as do 'n uisge,
agus shnàmh e air falbh uapa. An sin dh' fhosgail
an Gobhainn Dubh a bhocsa fein, agus leum a* bhèist-
dubh a mach an deidh a' bhradain, agus an ùine
ghoirid rug i air, agus phill i leis 'na beul, agus dh'
fhàg i e aig casaibh a maighstir."
" M' fhianuis ort fein," ars an Gobhainn Dubh,
•*gu 'n do chain thu do gheall." " Chaill mi, gun
teagamh," fhreagair Gobhainn-an-Righ, "agus, ma
thig thu leam do 'n tigh-òsda, paidhidh mi dhuit a
h-uile peighinn deth." '* Cha teid mi; oir chuir mi
romham nach cuirinn geall tuilleadh," ars an Gobhainn
Dubh. " Uile-cheart," arsa Gobhainn-an-Rlgh ; agus
phaidh e 'm fear eile air ball.
An ceann beagan làithean co bhuail a stigh do 'n
cheàrdaich ach an duin'-uasal. Dh' fheith e greis an
dùil gu'm paidheadh an Gobhainn Dubh dha na
choisinn e gun iarraidh ; ach ged dh' fheitheadh e gu
la 'bhràth' cha tigeadh an Gobhainn Dubh air ni d'a
leithid. Mu dheireadh thubhairt e ris: " Thàinig mi
air-son mo dhuais' : is fhearr dhuit a thabhairt domh,
agus mo leigell air falbh." Ach duais no buidheachas
cha tugadh an Gobhainn Dubh dha. An uair a
chunnaic e so, thug e 'n rathad air; ach mu 'n d' fhalbh
e dh' fhàg e rud-eigin anns a' cheardaich.
Beagan làithean 'na dheidh sin thàinig duin'-uasal
eile air muin eich a dh' ionnsaidh na ceàrdaich, 's an
t-each aige ro chrùbach a chion chrijidhean. Air dha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence