Skip to main content

‹‹‹ prev (41)

(43) next ›››

(42)
20 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
a' Ghobhainn Dubh, " an uair a dh' fhalbhas tu am
màireach leis na suic, bheir thu leat am bosca so;
agus an uair a ruigeas tu an fhaidhir bithidh
Gobhainn-an-Righ romhad, agus thig e ad' choinn-
eamh. Ma dh' iarras e ort do bhocsa fhosgladh, agus
an rud a th' ann a leigeil fhaicinn da, their thu ris
gur ann da-san is coir sin a dheanamh an toiseach, a
chionn gu 'm b' e a chuir an geall an toiseach. An
sin fosglaidh e a bhocsa, agus leumaidh fiadh mach
as. Cho luath 's a chi thu am fiadh, bi cinnteach
gu 'm fosgail thu do bhocsa fein, agus gu 'n leig thu
mach an cù ; agus tha mise air mo mhealladh mur
coisinn e 'n geall dhuit." An sin dh' fhag an duin'-
uasal feasgar math aig a' Ghobhainn Dubh. agus dh'
fhalbh e.
Air maduinn an ath latha dh' fhalbh an Gobhainn
Dubh le 'shuic agus le 'bhocsa anns a' chairt. Ràinig
e 'n fhaidhir ann an deagh am, agus choinnich
Gobhainn-an-Righ e le bocsa fo 'achlais. An sin
thachair gach ni eatorra mar bha dùil aig an duin'-
uasal. Mu dheireadh dh' fhosgail Gobhainn-an-Righ
a bhocsa, agus leum fiadh brèagh mach as, agus air
falbh ghabh e 'na dheannaibh. An sin dh' fhosgail
an Gobhainn Dubh a bhocsa fein, agus leum mialchu
gasda a mach, agus shin e an deidh an fheidh, agus
stad cha d' rinn e gus an do ghlac e 'm fiadh, agus
an d' fhag e aig casan a' Ghobhainn Duibh e. " M*
fhianuis ort fein, a nis," ghlaodh an Gobhainn Dubh
ri Gobhainn-an-Righ, " gu 'n do chaill thu do gheall."
" Chaill mi an geall so, gu dearbh ; ach theagamh
gu'm buidhinn mi an ath aon," fhreagair Gobhainn-an-
Righ, agus e a' sineadh do 'n Ghobhainn Dubh gach
peighinne do 'n airgiod gill.
Chaidh iad an sin do 'n tigh-òsda agus cha robh iad
fad* ann gus an do chuir iad leithid eile a' ghill mu
dheireadh. 'Na dheidh sin dhealaich iad, a' gealltain a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence