Skip to main content

‹‹‹ prev (31)

(33) next ›››

(32)
lO FOLK TALES AND FAIRY LORE.
bhachlach, bhàrra-bhuidhe a' gabhail mu thàmh am
tun nam preas agus am barr nan dos, agus na h-easagan
lughach, laghach a* taghadh àite mar a b' fhearr a dh'
fhaodadh iad dhoibh fèin, ged nach robh ise, nighean
Ridire nam Beann 's nan Gleann 's nam Bealach. Aig
beul na h-oidhche thug i sùil roimpe, agus chunnaic i
tigh beag soluis fada bhuaipe, ach ma b' fhada bhuaipe,
cha b' fhada dhi-se 'ga ruigheachd.
Bha 'n dorus fosgailte, agus teine math air
meadhon an ùrlair. Chaidh i stigh, agus thubhairt
bean-an-tighe, 's i 'na suidhe aig ceann shuas an teine;
" Thig a nios, a bhean bhochd. Is e do bheatha an so
an nochd. Bha 'n duine agad ann an raoir, e fèin
agus a thriùir chloinne." Fhuair i gabhail aice gu
math le bean-an-tighe. Chuir i uisge teth air a
casaibh, agus leaba bhog fo 'feisibh; agus an uair a
bha i falbh 's a' mhaduinn, shin i dhi meuran, agus
thubhairt i: "Sin agad meuran; agus cho luath 's a
rhuireas tu aon ghreim leis, leigidh tu as e, agus
oibrichidh e leis fein tuilleadh."
Thionn' i air falbh, agus chum i air a turns le ceum
math, gus am fac' i uair-eigin air feadh an la an duine
aice agus a chlann air thoiseach oirre. An sin
chruadhaich i a ceum, agus shin i as 'nan deidh le
'h-uile neart. Sheall esan 'na dheidh, agus an uair
a chunnaic e i a' tighinn, luathaich e fein agus na bha
maille ris an ceum; ach ged luathaich, bha ise a' buidh-
inn orra. Cha robh fios aige ciamar a bheireadh e e
fein as oirre, gus am fac' e ceàrdach air thoiseach air.
Rinn e direach air a' cheàrdaich, agus anns an dol
seachad dh' iarr e air na goibhnean moille 'chur air
a' bhoireannach a bha 'tighinn 'na dheidh. Fhreagair
iad gu'n deanadh iad sin; agus an uair a ràinig ise
iad, rug iad oirre, agus chuir iad cearcall cho teann
m' a meadhon 's gu 'm b' ann air eiginn a b' urrainn
i ceum a thabhairt. Ach air a shon sin, cho luath 's

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence