Skip to main content

‹‹‹ prev (29)

(31) next ›››

(30)
8 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
àbhaist da, g' a tabhairt dachaidh. Le so dh' aithnich
i gu 'n d' rinn i 'n eucoir ainm an duine aice innseadh
d'a peathraichean.
Cho luath 's a b' urrainn i gluasad thog i oirre
dhachaidh. Ach an uair a ràinig i, cha d' fhuair i
creutair mu thimchioll a' Chaisteil. Thuig i mar bha,
agus gun tuilleadh dàil dh' fhalbh i an dèidh an duine
aice air a' cheart rathad a ghabh e. Shiubhail i air
a h-aghaidh fad an latha, gus an robh dubhadh air a
bonnaibh agus tolladh air a brògan, na h-eòin bheaga,
bhuchallach, bhachlach, bhàrra-bhuidh' a' gabhail mu
thàmh am bun nam preas agus am bàrr nan dos, agus
easagan lughach, laghach a' taghadh àite mar a b' fhearr
a dh' fhaodadh iad dhoibh fein, ged nach robh ise,
nighean Ridire nam Beann 's nan Gleann 's nam
Bealach. An sin thug i sùil roimpe, agus chunnaic i
tigh beag soluis fad' uaipe; ach ma b' fhada bhuaipe
e, cha b' fhada dhi-se 'ga ruigheachd.
Bha 'n dorus fosgailte agus gealbhan math air
meadhon an ijrlair. Chaidh i stigh, agus thubhairt
bean-an-tighe, 's i 'na suidhe aig ceann shuas an teine:
" Thig a nios, a bhean bhochd. Is e do bheatha
fuireachd an so an nochd. Bha 'n duine agad an so
an raoir, e fein 's a thriùir chloinne. Sin agad ubhal
a dh' fhàg e agam-sa air do shon." Ghabh i aig a'
bhan-choigreach gu math agus gu ro mhath. Chuir i
uisge teth air a casan agus leaba bhog fo 'leisean ; agus,
anns a' mhaduinn, an uair a chuir i i air ceann na
slighe, agus a bha i 'fàgail beannachd aice, shin i dhi
siosar, agus thubhairt i: "Sin agad siosar, agus an
uair a gheàrras tu a' cheud bheum leis, leigidh tu as e,
agus 'na dheidh sin gearraidh e leis fein an t-aodach
anns a' chumadh a's aill leat a thoirt da."
Thionn' i air falbh, agus shiubhail i air a h-aghaidh
fad an la gus an robh dubhadh air a bonnaibh agus
tolladh air a brògan, na h-eòin bheaga, bhuchallach.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence