Skip to main content

‹‹‹ prev (62)

(64) next ›››

(63)
57
DO NIGHEAN FEAR THIR-NA-DRISE.
Lt Mac Fear Dhailan-eas.
Tha mis' an so 'm laidhe
*N leabaidh chumhaimi, chaoil, chlàraidh —
Tha mo cheann air a honadh
Le fiabhras mi-nàdur';
Cha'n f huachd, a's cha teas e —
Cha 'n 'eil fios ciod is cràdh dhomh ;
'S ann tha toiseach mo ghalair
Mum' sgamhan 'smu'm àirnean.
Thoìr mo shoraidh-sa thairis
Gum' leannau 'sa' Bhjaighe —
'S 'n uair a chluinneas i 'n aithris
Cha mhaith leath' mar tha mi ;
Mi gun siigradh, gun aiteas,
'S gur h-e chleaclid mi bhi 'g àbhachd ;
'S e bhi cumha do phòige
A leòn a chum bàis mi.
Ged bu shochdair mo leaba
Cha do chaideil mi 'n raoir,
'S nach d' f huaras thu agam
Ann an taice ri m' thaobh ;
'N àm dhonìh dùsgadh 's a' mhaduinn
Bha thu fada o m' ghlaodh —
'S mòr a b'fheairde mi agam
Aon aiteal do m' ghaol.
C Iia 'n e ro mheud do nithe
Tha mise ag iargain,
Ach mi 'm kiidhe 'n so 'm aonar
Ri smaointinean diomhain ;
Gheibhinn bean anns an tir so
'G am bheil nì, do shìol Dhiannaid,
'S leis na Lhug mi do ghràdh dhuit
Gu 'm bi dail aic' am bhadhna.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence