Skip to main content

‹‹‹ prev (60)

(62) next ›››

(61)
Air bhi dhomh-sa 'triall thar druim,
Air Di-dònihnaich 's còmhlan leam,
Leughadh Litir-naigheachd leinn,
'S cha sgeul ait a thachair innt'.
Soraidh bhuan, &c.
Albainn aosd' ! 's e fath do bhròin,
Gach aon mhuir bàit' tha 'bàrcadh oimn—
T' oighre dligheach bhi 'san Ròimh,
Taisgt' 'an caol-chist' lìobhta bhòrd!
Soraidh bhuan, &c.
'S trom leam m' osnaich anns gach là —
'S tric mo smaointean fad' o làimh —
Cluain an domhain truagh an dàil,
Gur cobhartach gach feòil do 'n bhàs.
Soraidh bhuan, &c.
Tha mo chridh' gu briste, fann,
'Sdeòir mo shì;l a' riuth mar ailt,
Ged a cheillinn sud air àm,
Bhruchd e mach 's cha mhisde leam.
Soraidh bhuan, &c.
Bha mi seal am baraìl chruaidh,
Gu'n cluinnte caismeachd mu'n cuairt ;
Càbhlach Theàrlaich thigh'nn air chuan,
Ach thrèig an dùil mi gu là-luan.
Soraidh bhuan, &c'
'S lionmhor laoch a's mìlidh treun,
'Tha 'n diugh an Albainn as do dhèidh,
lad gu h-iosal 'sileadh dheur,
Rachadh dian leat anns an streup.
Soraidh bhuan, &c.
'S gur neo-shubhach, dubhach, sgìth,
Do threud ionmhuiun anns gach tìr,
Buidheann mheamnach bu gharg chth,
Ulamh, arm-chleasach 's an stiith.
Soraidh bhuan, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence